Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992


Don àrd-fhear-ciùil air Neginot. Salm le Daibhidh.

1 Nuair a dh’èigheas mi, èisd rium, a Dhè m’ionracais; nuair a bha mi ann an teinn, dh’fhuasgail thu orm; dèan tròcair orm, agus èisd rim ùrnaigh.

2 A chlann nan daoine, cia fhad a thionndaidheas sibh mo ghlòir a‑chum nàire, a ghràdhaicheas sibh dìomhanas, a shireas sibh an dèidh bhreug? Selah.

3 Ach biodh fhios agaibh gun do roghnaich an Tighearna an duine naomh dha fhèin; èisdidh an Tighearna nuair a dh’èigheas mi ris.

4 Biodh eagal oirbh, agus na peacaichibh; labhraibh ri ur cridhe air ur leabaidh, agus bithibh tosdach. Selah.

5 Iobraibh ìobairtean ionracais, agus earbaibh as an Tighearna.

6 Tha mòran ag ràdh, Cò a nochdas dhuinn nì math? Tog oirnne solas do ghnùise, a Thighearna.

7 Chuir thu aoibhneas ann am chridhe, nas mò na nuair as pailte an arbhar agus am fìon-san.

8 Ann an sìth araon laighidh mi, agus caidlidh mi; oir is tusa a‑mhàin, a Thighearna, a bheir orm còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan