Salm 22 - Am Bìoball Gàidhlig 1992Don àrd-fhear-ciùil air Ailet-sachar. Salm le Daibhidh. 1 Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi, fad om ghlaodh, o bhriathran mo bhùiridh? 2 O mo Dhia, gairmidh mi anns an là, ach cha fhreagair thu, agus anns an oidhche, ach chan eil fois agam. 3 Ach tha thusa naomh, ann ad chòmhnaidh far a bheil cliù Israeil. 4 Asadsa dh’earb ar n‑athraichean; dh’earb iad agus shaor thu iad. 5 Riutsa ghlaodh iad, agus theasairgeadh iad; asadsa dh’earb iad, agus cha robh nàire orra. 6 Ach is cnuimh mise, agus cha duine; masladh dhaoine, agus tàir an t‑sluaigh. 7 Nì iadsan uile a chì mi gàire-fanaid rium; casaidh iad am beul, crathaidh iad an ceann, ag ràdh, 8 Chuir e a dhòigh anns an Tighearna, fuasgladh e air; saoradh e e a chionn gu bheil tlachd aige ann. 9 Ach is tusa an Tì a thug a‑mach as a’ bhroinn mi; bu tu adhbhar mo dhòchais air cìch mo mhàthar. 10 Ortsa thilgeadh mi on bhroinn; o bhroinn mo mhàthar is tusa mo Dhia. 11 Na bi‑sa fada uam, oir tha àmhghar dlùth dhomh, agus gun neach ann gum chuideachadh. 12 Chuartaich mòran tharbh mi; dh’iadh tairbh làidir Bhasain umam. 13 Dh’fhosgail iad orm am beul, mar leòmhann reubach agus beucach. 14 Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim. 15 Air tiormachadh mar shoitheach creadha tha mo neart, agus tha mo theanga a’ leantainn rim ghial, agus gu ùir a’ bhàis thug thu mi. 16 Oir chuartaich madraidh mi; dh’iadh coitheanal dhroch dhaoine umam; lot iad mo làmhan agus mo chasan. 17 Faodaidh mi mo chnàmhan uile àireamh; tha iadsan a’ sealltainn, tha iad a’ geur-amharc orm. 18 Roinn iad mo thrusgan eatorra, agus air mo bhrat thilg iad crannchur. 19 Ach na bi‑sa, a Thighearna, fada uam; O thusa mo neart, greas gum chobhair. 20 Teasairg m’anam on chlaidheamh, m’aon ghràidh o neart a’ mhadaidh. 21 Saor mi o bheul an leòmhainn, agus o adhaircean nam buabhall teasairg mi. 22 Cuiridh mi an cèill d’ainm dom bhràithrean; ann am meadhon a’ choitheanail molaidh mi thu. 23 Sibhse air a bheil eagal Dhè, molaibh e; sibhse uile de shìol Iàcoib, thugaibh glòir dha; agus biodh a eagal-san oirbh, sibhse uile de shìol Israeil. 24 Oir cha do rinn e tàir air, agus cha do ghabh e gràin de àmhghar an truaghain, agus cha d’fhalaich e a ghnùis air; ach nuair a ghlaodh e ris, dh’èisd e. 25 Ortsa bidh mo mholadh anns a’ mhòr-choitheanal; mo bhòidean ìocaidh mi nan làthair-san don eagal e. 26 Ithidh na daoine macanta agus sàsaichear iad; molaidh iadsan an Tighearna; molaidh iadsan an Tighearna a dh’iarras e; bidh an cridhe beò gu bràth. 27 Cuimhnichidh air, agus tillidh a dh’ionnsaigh an Tighearna, uile chrìochan na talmhainn; agus strìochdaidh uile theaghlaichean nan cinneach na làthair. 28 Oir is leis an Tighearna an rìoghachd, agus tha esan na uachdaran air na cinnich. 29 Ithidh daoine reamhar na talmhainn uile, agus nì iad adhradh; na làthair-san sleuchdaidh iadsan uile a thèid sìos don duslach; oir cha chùm neach a anam beò. 30 Nì sliochd seirbhis dha; measar e don Tighearna mar ghinealach. 31 Thig iad agus cuiridh iad an cèill a fhìreantachd don àl ri teachd, gum b’esan a rinn siud. |