Salm 148 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Molaibh-se an Tighearna. Molaibh an Tighearna o na nèamhan; molaibh e anns na h‑àrdan. 2 Molaibh e, a ainglean uile; molaibh e, a shlòigh uile. 3 Molaibh e, a ghrian agus a ghealach; molaibh e, uile reultan solais. 4 Molaibh e, a nèamhan nan nèamh, agus uisgeachan a tha os cionn nan nèamh. 5 Moladh iad ainm an Tighearna, oir dh’àithn e, agus chruthaicheadh iad. 6 Agus dhaingnich e iad gu saoghal nan saoghal; rinn e àithne nach tèid thairis. 7 Molaibh an Tighearna on talamh, a dhràgonan agus a dhoimhneachdan uile. 8 Teine agus clach-shneachda; sneachd agus ceò; gaoth dhoineannach a’ coileanadh a fhacail; 9 Na beanntan agus na cnuic uile; craobhan-meas agus na h‑uile sheudair; 10 Fiadh-bheathaichean agus gach uile ainmhidh; nithean snàigeach agus eunlaith iteagach; 11 Rìghrean na talmhainn agus na h‑uile shlòigh; uachdarain agus uile bhritheamhan na talmhainn; 12 Araon òigfhir agus òighean; seann daoine agus clann; 13 Moladh iad sin ainm an Tighearna, oir tha a ainm-san a‑mhàin urramach, tha a ghlòir os cionn na talmhainn agus nan nèamh. 14 Agus dh’àrdaich e adharc a shluaigh, moladh a naomh uile, eadhon clann Israeil, sluagh a tha am fagas dha. Molaibh-se an Tighearna. |