Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 140 - Am Bìoball Gàidhlig 1992


Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh.

1 Teasairg mi, a Thighearna, on droch dhuine; o fhear an fhòirneirt glèidh mi,

2 A tha a’ smaoineachadh aimhleis nan cridhe; cruinnichidh iad gach là a‑chum cogaidh.

3 Gheuraich iad an teanga, mar theanga nathrach; tha nimh na nathrach fom bilean. Selah.

4 Glèidh mi, a Thighearna, o làmhan nan aingidh; o fhear an fhòirneirt dìon mi, lem b’àill mo cheuman a thilgeadh bun-os‑cionn.

5 Dh’fhalaich na h‑uaibhrich ribe dhomh agus cùird; sgaoil iad lìon ri taobh na slighe; leag iad ceapan-tuislidh romham. Selah.

6 Thubhairt mi ris an Tighearna, Is tu mo Dhia; èisd, a Thighearna, ri guth m’athchuingean.

7 A Iehòbhah, a Thighearna, neart mo shlàinte, dh’fhalaich thu mo cheann ann an là a’ chatha.

8 Na deònaich, a Thighearna, miannan an aingidh; na soirbhich le a ais-innleachd, air eagal gun àrdaich iad iad fhèin. Selah.

9 A‑thaobh nan daoine a chuartaich mi, còmhdaichidh aimhleas am bilean fhèin iad.

10 Tuitidh èibhlean teine orra; anns an teine tilgear iad; ann an slocan domhain, a‑chum nach èirich iad a‑rìs.

11 Na daingnichear fear-labhairt uilc air an talamh; sealgaidh olc air fear an fhòirneirt a‑chum a sgrios.

12 Tha fhios agam gun cùm an Tighearna ceartas ris an duine thruagh, còir ris na bochdan.

13 Gu dearbh bheir na fìreanan moladh dod ainm; gabhaidh na h‑ionracain còmhnaidh ad fhianais.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan