Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 136 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

2 Thugaibh buidheachas do Dhia nan diathan, oir gu bràth mairidh a thròcair.

3 Thugaibh buidheachas do Thighearna nan tighearnan, oir gu bràth mairidh a thròcair;

4 Dhàsan na aonar a nì iongantasan mòra, oir gu bràth mairidh a thròcair;

5 Dhàsan a rinn na nèamhan le gliocas, oir gu bràth mairidh a thròcair;

6 Dhàsan a shìn an talamh os cionn nan uisgeachan, oir gu bràth mairidh a thròcair;

7 Dhàsan a rinn solais mhòra, oir gu bràth mairidh a thròcair;

8 A’ ghrian a riaghladh an là, oir gu bràth mairidh a thròcair;

9 A’ ghealach agus na reultan a riaghladh na h‑oidhche, oir gu bràth mairidh a thròcair;

10 Dhàsan a bhuail na h‑Eiphitich nan ciad-ghinean, oir gu bràth mairidh a thròcair;

11 Agus a thug a‑mach Israel as am meadhon, oir gu bràth mairidh a thròcair;

12 Le làimh thrèin, agus le gàirdean sìnte a‑mach, oir gu bràth mairidh a thròcair;

13 Dhàsan a roinn a’ mhuir ruadh na roinnean, oir gu bràth mairidh a thròcair;

14 Agus a thug air Israel dol tro a meadhon, oir gu bràth mairidh a thròcair;

15 Ach a thilg Phàraoh agus a armailt bun-os‑cionn anns a’ mhuir ruaidh, oir gu bràth mairidh a thròcair.

16 Dhàsan a threòraich a shluagh tron fhàsach, oir gu bràth mairidh a thròcair;

17 Dhàsan a bhuail rìghrean mòra, oir gu bràth mairidh a thròcair;

18 Agus a mharbh rìghrean treuna, oir gu bràth mairidh a thròcair;

19 Sihon rìgh nan Amorach, oir gu bràth mairidh a thròcair;

20 Agus Og rìgh Bhasain, oir gu bràth mairidh a thròcair;

21 Agus a thug am fearann mar oighreachd, oir gu bràth mairidh a thròcair;

22 Mar oighreachd do Israel, a òglach fhèin, oir gu bràth mairidh a thròcair;

23 A chuimhnich oirnn nar staid ìosail, oir gu bràth mairidh a thròcair;

24 Agus a shaor sinn o ar naimhdean, oir gu bràth mairidh a thròcair;

25 A tha a’ tabhairt bìdh do gach feòil, oir gu bràth mairidh a thròcair.

26 O thugaibh buidheachas do Dhia nan nèamh, oir gu bràth mairidh a thròcair.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan