Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 101 - Am Bìoball Gàidhlig 1992


Salm le Daibhidh.

1 Mu thròcair agus mu bhreitheanas canaidh mi; dhutsa, a Thighearna, seinnidh mi.

2 Iomchairidh mi mi fhèin gu glic air slighe ionraic. O cuin a thig thu am ionnsaigh? Gluaisidh mi ann an ionracas mo chridhe ann am meadhon mo thaighe.

3 Cha chuir mi olc sam bith fa chomhair mo shùl; is fuathach leam obair luchd-easaontais; cha lean i rium.

4 Triallaidh cridhe iargalta uam; air an daoi cha chuir mi eòlas.

5 An tì gu diamhair a bheir beum da choimhearsnach, esan gearraidh mi as; an tì aig a bheil sealladh àrd agus cridhe uaibhreach, esan chan fhuiling mi.

6 Bidh mo shùilean air fìreanan na tìre, a‑chum gun gabh iad còmhnaidh leam; esan a ghluaiseas ann an slighe ionraic, nì e seirbhis dhomh.

7 Cha ghabh fear-dèanamh ceilge còmhnaidh ann am thaigh; chan fhuirich fear-labhairt bhreug fa chomhair mo shùl.

8 Gu moch gearraidh mi as uile dhroch dhaoine na tìre, a‑chum gun sgath mi as o chathair an Tighearna uile luchd-dèanamh an uilc.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan