Rut 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin thubhairt Naòmi a màthair-chèile rithe, Mo nighean, nach iarr mise suaimhneas dhutsa, a‑chum gun èirich gu math dhut? 2 Agus a‑nis nach eil Bòas de ar dìlsean, aig an robh thu maille ra ghruagaichean? Feuch, bidh e a’ fasgnadh eòrna a‑nochd air an ùrlar-bhualaidh. 3 Uime sin nigh thu fhèin, agus ung thu fhèin, agus cuir do thrusgan ort, agus gabh sìos don ùrlar-bhualaidh: ach na dèan thu fhèin aithnichte don duine, gus an sguir e a dh’ithe agus a dh’òl. 4 Agus nuair a laigheas e sìos, bheir thu fa‑near an t‑àit anns an laigh e, agus thèid thu agus rùisgidh tu a chasan, agus laighidh tu sìos; agus innsidh e dhut ciod a nì thu. 5 Agus thubhairt i rithe, Gach nì a tha thu ag ràdh rium nì mise. 6 Agus chaidh i sìos don ùrlar-bhualaidh, agus rinn i a rèir gach nì a dh’àithn a màthair-chèile dhi. 7 Agus nuair a dh’ith agus a dh’òl Bòas, agus a bha a chridhe subhach, chaidh e a laighe sìos aig ceann an dùn arbhair: agus thàinig i gu sàmhach, agus rùisg i a chasan, agus laigh i sìos. 8 Agus nuair a bha e mu mheadhon-oidhche, bha eagal air an duine, agus thionndaidh e e fhèin; agus, feuch, bean na laighe aig a chasan. 9 Agus thubhairt e, Cò thusa? Agus fhreagair i, Is mise Rut, do bhanoglach: sgaoil uime sin iomall d’aodaich air do bhanoglaich, oir is fear-dàimh thu. 10 Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh thusa on Tighearna, mo nighean; nochd thu tuilleadh coibhneis mu dheireadh na an toiseach, do bhrìgh nach deachaidh tu an dèidh òigfhir, bochd no beartach. 11 Agus a‑nis, mo nighean, na biodh eagal ort; gach nì a tha thu ag iarraidh, nì mi dhut; oir tha fhios aig uile bhaile mo shluaigh gur bean shubhailceach thu. 12 Agus a‑nis tha e fìor gur fear-dàimh dhut mise; gidheadh tha fear-dàimh as fhaisge dhut na mi. 13 Fan a‑nochd, agus anns a’ mhadainn ma nì e riut dlighe fir-dàimh, tha sin gu math, dèanadh e dlighe fir-dàimh; ach mura bi e toileach dlighe fir-dàimh a dhèanamh riut, an sin nì mise dlighe fir-dàimh riut, mar as beò an Tighearna: laigh sìos gu madainn. 14 Agus laigh i sìos aig a chasan gu madainn: agus dh’èirich i mun robh e an comas do dhuine duine eile aithneachadh. Agus thubhairt e, Na biodh fhios aig neach air bith gun tàinig bean a‑steach don ùrlar-bhualaidh. 15 Mar an ceudna thubhairt e, Thoir an seo am brat a tha agad umad, agus cùm e. Agus chùm i e, agus thomhais e sia tomhaisean eòrna, agus chuir e oirre iad: agus chaidh i a‑steach don bhaile. 16 Agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh a màthar-chèile, thubhairt i, Cò thusa, mo nighean? Agus dh’innis i dhi gach nì a rinn an duine dhi. 17 Agus thubhairt i, Na sia tomhaisean eòrna seo thug e dhomh; oir thubhairt e rium, Na imich falamh a dh’ionnsaigh do mhàthar-chèile. 18 Agus thubhairt ise, Fuirich, mo nighean, gus am bi fhios agad cionnas a dh’èireas don chùis: oir cha bhi an duine aig fois gus an crìochnaich e an gnothach an‑diugh. |