Ròmanaich 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Ciod, matà, a their sinn a fhuair ar n‑athair Abrahàm a rèir na feòla? 2 Oir ma dh’fhìreanaicheadh Abrahàm le obraichean, tha adhbhar uaill aige, ach chan ann a‑thaobh Dhè. 3 Oir ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd. 4 A‑nis don tì a nì obair chan ann mar ghean-math a mheasar an tuarasdal, ach mar fhiachan. 5 Ach don tì nach dèan obair, ach a tha a’ creidsinn anns an tì a dh’fhìreanaicheas an duine mì‑dhiadhaidh, measar a chreideamh mar fhìreantachd. 6 Amhail mar a tha Daibhidh a’ cur an cèill beannachadh an duine sin dom meas Dia fìreantachd as eugmhais obrach, ag ràdh, 7 Is beannaichte iadsan a fhuair maitheanas nan euceartan, agus aig a bheil am peacaidhean air am falach. 8 Is beannaichte an tì nach cuir an Tighearna peacadh as a leth. 9 A bheil, matà, am beannachadh seo a’ teachd air an timcheall-ghearradh a‑mhàin, no mar an ceudna air an neo-thimcheall-ghearradh? Oir tha sinn ag ràdh gun do mheasadh creideamh do Abrahàm mar fhìreantachd. 10 Cionnas, matà, a mheasadh dha e? An ann an uair a bha e anns an timcheall-ghearradh, no anns an neo-thimcheall-ghearradh? Chan ann anns an timcheall-ghearradh, ach anns an neo-thimcheall-ghearradh. 11 Agus fhuair e comharradh an timcheall-ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo-thimcheall-ghearradh a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna: 12 Agus na athair an timcheall-ghearraidh dhaibhsan nach eil a‑mhàin den timcheall-ghearradh, ach mar an ceudna a tha ag imeachd ann an ceuman creideamh ar n‑athar Abrahàm, a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh. 13 Oir cha b’ann tre an lagh a thugadh an gealladh do Abrahàm no da shìol, gum biodh e na oighre air an t‑saoghal, ach tre fhìreantachd a’ chreidimh. 14 Oir ma tha iadsan a bhuineas don lagh nan oighreachan, tha creideamh air a dhèanamh dìomhain, agus an gealladh gun bhrìgh: 15 A chionn gu bheil an lagh ag obrachadh feirge: oir far nach eil lagh, chan eil an sin briseadh lagha. 16 Uime sin is ann o chreideamh a tha an oighreachd, ionnas gum biodh i tre ghràs: a‑chum gum biodh an gealladh daingeann don t‑sìol uile, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a bhuineas don lagh, ach mar an ceudna dhaibhsan a bhuineas do chreideamh Abrahàim, neach as e ar n‑athair-ne uile, 17 (A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach), na làthair-san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann: 18 Neach an aghaidh dòchais a chreid ann an dòchas, a‑chum gum biodh e na athair mòran chinneach; a rèir mar a thubhairteadh, Mar seo bidh do shliochd. 19 Agus air dha gun a bhith anfhann ann an creideamh, cha do chuir e an suim gu robh a chorp fhèin a‑nis marbh, air dha a bhith timcheall ceud bliadhna a dh’aois, no mairbhe brù Shàra: 20 Agus cha do chuir e an amharas gealladh Dhè le mì‑chreideamh; ach bha e làidir ann an creideamh, a’ toirt glòire do Dhia: 21 Agus bha làn-chinnt aige, an tì a thug an gealladh, gur comasach e air a choileanadh. 22 Agus uime sin mheasadh seo dha mar fhìreantachd. 23 A‑nis cha b’ann air a shon-san a‑mhàin a sgrìobhadh, gun do mheasadh seo dha; 24 Ach air ar son-ne mar an ceudna dom measar e, ma chreideas sinn annsan a thog suas Iosa ar Tighearna o na mairbh, 25 A thugadh thairis airson ar cionta, agus a thogadh suas a‑rìs airson ar fìreanachaidh. |