Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Philemoin 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, a‑chum Philemoin as ionmhainn leinn, agus ar co‑shaothraiche,

2 Agus a‑chum Aphia ionmhainn, agus Archipuis ar co‑shaighdear, agus a‑chum na h‑eaglais a tha ann ad thaigh:

3 Gràs gu robh dhuibh, agus sìth o Dhia ar n‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd.

4 Tha mi a’ toirt buidheachais dom Dhia, a’ sìor-thoirt luaidh ort ann am ùrnaighean,

5 Air dhomh a bhith a’ cluinntinn mud ghràdh, agus a’ chreidimh a tha agad a‑thaobh an Tighearna Iosa, agus a‑thaobh nan uile naomh;

6 A‑chum gum bi co‑chomann do chreidimh èifeachdach ann an aidmheil an uile mhaith a tha annaibh ann an Iosa Crìosd.

7 Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh-sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair.

8 Uime sin ged dh’fhaodainn a bhith ro‑dhàn ann an Crìosd a‑chum an nì a tha iomchaidh àithneadh dhut,

9 Gidheadh is fheàrr leam airson gràidh impidh a chur ort, air a bhith dhomh mar Phòl aosda, agus a‑nis mar an ceudna am phrìosanach airson Iosa Crìosd.

10 Guidheam ort airson mo mhic Onesimus, a ghin mi ann am ghèimhlean:

11 Neach a bha uaireigin neo-thairbheach dhutsa, ach a‑nis a tha tairbheach dhutsa agus dhòmhsa:

12 Neach a chuir mi air ais: uime sin gabh-sa ris mar rim innidh fhèin;

13 Neach a bu mhiann leam a chumail maille rium fhèin, a‑chum gun dèanadh e frithealadh dhomh ann ad àite-sa, ann an gèimhlean an t‑soisgeil:

14 Ach as eugmhais d’inntinn-sa cha bu toil leam nì sam bith a dhèanamh; a‑chum nach biodh do mhaith-sa mar gum b’ann a dh’aindeoin, ach od thoil fhèin.

15 Oir theagamh gur ann air a shon seo a dh’fhàg e thu rè tamaill, a‑chum gum faigheadh tu e gu sìorraidh;

16 Chan ann à seo suas mar sheirbhiseach, ach os cionn seirbhisich, na bhràthair gràdhach, gu h‑àraidh dhòmhsa, agus nach mò na sin dhutsa, araon anns an fheòil, agus anns an Tighearna?

17 Uime sin ma mheasas tu mise mar fhear co‑roinne, gabh ris-san mar rium fhèin.

18 Agus ma rinn e eucoir ort, no ma dhligheas e nì sam bith dhut, cuir sin as mo leth-sa.

19 Sgrìobh mise Pòl lem làimh fhèin e, agus dìolaidh mi e: ged nach eil mi ag ràdh riut gun dlighear leat thu fhèin os bàrr dhomh.

20 Seadh, a bhràthair, faigheam gàirdeachas dod thaobh anns an Tighearna: dèan suaimhneach mo chridhe anns an Tighearna.

21 Air dhomh a bhith earbsach as d’ùmhlachd sgrìobh mi ad ionnsaigh, oir tha fhios agam gun dèan thusa mar an ceudna nas mò na tha mi ag ràdh.

22 Ach maille ri seo ullaich mar an ceudna fàrdach air mo shon: oir tha dòchas agam, tre ur n‑ùrnaighean-se, gun toirear mi dhuibh.

23 Tha Epaphras, mo cho-phrìosanach ann an Iosa Crìosd,

24 Marcus, Aristarchus, Dèmas, Lùcas, mo cho-luchd-obrach, a’ cur fàilte ort.

25 Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ri ur spiorad-sa. Amen.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan