Obadiah 1 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Sealladh Obadiah. Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh a‑thaobh Edoim: Chuala sinn aithris on Tighearna, agus chuireadh teachdaire am measg nan cinneach, ag ràdh, Èiribh-se, agus èireamaid-ne suas na h‑aghaidh ann an cath. 2 Feuch, rinn mise beag thu am measg nan cinneach: tha thu gu mòr air do chur fo dhìmeas. 3 Mheall uabhar do chridhe thu, O thusa a tha a chòmhnaidh ann an sgoltaidhean nan creag, ann ad chòmhnaidh àird; a tha ag ràdh ann ad chridhe, Cò a bheir a‑nuas mi a‑chum an làir? 4 Ged àrdaich thu thu fhèin mar an iolair, agus ged shuidhich thu do nead am measg nan reultan, as a sin bheir mise a‑nuas thu, deir an Tighearna. 5 Ma thig mèirlich ad ionnsaigh, ma thig gadaichean anns an oidhche (cionnas a ghearradh as thu!), nach goideadh iad gus am biodh gu leòr aca? Nan tigeadh luchd-tional nam fìondhearc ad ionnsaigh, nach fàgadh iad dìoghlam de na dearcan? 6 Cionnas a tha Esau air iarraidh a‑mach, a nithean falaichte air an rannsachadh! 7 Thug uile dhaoine do chomainn a‑chum na crìche thu; na daoine a bha an sìth riut, a dh’ith aran leat, mheall iad thu, agus bhuadhaich iad ann ad aghaidh: leag iad ribe fodhad: chan eil tuigse sam bith annad. 8 Nach sgrios mise anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, araon na daoine glice a‑mach à Edom, agus tuigse à sliabh Esau? 9 Agus claoidhear do dhaoine treuna-sa, O Themain, a‑chum gun gearrar as gach duine de shliabh Esau le àr. 10 Airson d’ainneirt an aghaidh do bhràthar Iàcoib, nì nàire do chòmhdachadh, agus bidh tu air do ghearradh as gu bràth. 11 Anns an là anns an do sheas thu air an taobh eile, anns an là anns an tug na coimhich a shluagh ann am bruid, anns an deachaidh coigrich a‑steach air a gheatachan, agus anns an do thilg iad crannchur air Ierusalem, bha eadhon thusa mar aon dhiubh. 12 Ach cha bu chòir dhut amharc le sòlas air là do bhràthar, anns an là anns an do rinneadh coigreach dheth: cha mhò a bu chòir dhut gàirdeachas a dhèanamh os cionn chloinn Iùdah ann an là an lèirsgrios: cha mhò a bu chòir dhut labhairt gu h‑uaibhreach ann an là an àmhghair. 13 Cha bu chòir dhut dol a‑steach air geata mo shluaigh-sa ann an là an àmhghair; seadh, cha bu chòir dhut amharc le sòlas air an teinn ann an là an airce, no làmh a chur air am maoin ann an là an àmhghair. 14 Cha mhò a bu chòir dhut seasamh anns an t‑slighe tharsainn, a ghearradh as na dream a chaidh as de a mhuinntir; cha mhò a bu chòir dhut iadsan a mhair de a chuideachd a thoirt suas ann an là an dòrainn. 15 Oir tha là an Tighearna dlùth air na h‑uile chinnich: mar a rinn thusa, nìthear riut: tillidh do luigheachd air do cheann fhèin. 16 Oir amhail a dh’òl sibhse air mo shliabh naomh-sa, òlaidh na h‑uile chinnich mun cuairt; seadh, òlaidh, agus sluigidh iad sìos; agus bidh iad mar nach biodh iad idir ann. 17 Ach air sliabh Shioin bidh saorsa, agus bidh naomhachd: agus sealbhaichidh taigh Iàcoib an sealbh fhèin. 18 Agus bidh taigh Iàcoib na theine, agus taigh Iòseiph na lasair; agus taigh Esau na asbhuain; agus lasaidh, agus loisgidh iadsan iad; agus chan fhàgar a h‑aon beò de thaigh Esau; oir labhair an Tighearna e. 19 Agus gabhaidh iadsan o dheas sealbh air sliabh Esau; agus iadsan on chòmhnard air na Philistich; agus sealbhaichidh iad machair Ephraim, agus machair Shamaria; agus sealbhaichidh Beniàmin Gilead. 20 Agus sealbhaichidh braighdean an t‑sluaigh seo de chloinn Israeil fearann nan Canàanach, eadhon gu Sarephat; agus sealbhaichidh braighdean Ierusaleim, a tha an Sepharad, bailtean na h‑àird a deas. 21 Agus thig fir-shaoraidh a‑nìos air sliabh Shioin, a thoirt breith air sliabh Esau; agus bidh an rìoghachd leis an Tighearna. |