Nehemiah 8 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chruinnich an sluagh uile an ceann a chèile mar aon duine don t‑sràid a tha fa chomhair geata an uisge: agus dh’iarr iad air Esra an sgrìobhaiche e a thoirt an làthair leabhar lagh Mhaois, a dh’àithn an Tighearna do Israel. 2 Agus thug Esra an sagart an lagh an làthair a’ choitheanail, araon fhear agus bhan, agus gach uile a thuigeadh nuair a chluinneadh iad e, air a’ chiad là den t‑seachdamh mìos. 3 Agus leugh e ann fa chomhair na sràide a tha fa chomhair geata an uisge, o mhadainn gu meadhon-là, an làthair nam fear agus nam ban, agus na muinntir a thuigeadh; agus bha cluasan an t‑sluaigh uile ri leabhar an lagha. 4 Agus sheas Esra an sgrìobhaiche air crannaig fhiodha, a rinn iad airson a’ ghnothaich, agus làimh ris sheas Matitiah, agus Sema, agus Anaiah, agus Uriah, agus Hilciah, agus Maaseiah, air a làimh dheis; agus air a làimh chlì Pedaiah, agus Misael, agus Malchiah, agus Hasum, agus Hasbadana, Sechariah agus Mesulam. 5 Agus dh’fhosgail Esra an leabhar ann an sealladh an t‑sluaigh uile, oir bha e os cionn an t‑sluaigh uile; agus nuair a dh’fhosgail e e, sheas an sluagh uile. 6 Agus bheannaich Esra an Tighearna, an Dia mòr: agus fhreagair an sluagh uile, Amen, Amen, a’ togail suas an làmh. Agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh don Tighearna len aghaidhean ris an talamh. 7 Mar an ceudna thug Iesua, agus Bani, agus Serebiah, Iamin, Acub, Sabetai, Hodiah, Maaseiah, Celita, Asariah, Iosabad, Hanan, Pelaiah, agus na Lèbhithich air an t‑sluagh an lagh a thuigsinn: agus sheas an sluagh nan àite. 8 Agus leugh iad ann an leabhar lagh Dhè gu soilleir, agus thug iad an seagh seachad, agus thug iad orrasan an leughadh a thuigsinn. 9 Agus thubhairt Nehemiah, neach as e an Tirsata, agus Esra an sagart, an sgrìobhaiche, agus na Lèbhithich a theagaisg an sluagh, ris an t‑sluagh uile, Tha an là seo naomh don Tighearna ur Dia; na dèanaibh caoidh no gul: oir ghuil an sluagh uile, nuair a chuala iad briathran an lagha. 10 An sin thubhairt e riu, Imichibh, ithibh nithean reamhar, agus òlaibh nithean milis, agus cuiribh cuibhreannan dan ionnsaigh-san do nach d’ullaicheadh nì air bith; oir tha an là seo naomh dar Tighearna: agus na bithibh ri bròn, oir is e gàirdeachas an Tighearna ur neart. 11 Agus chiùinich na Lèbhithich an sluagh uile, ag ràdh, Bithibh nur tosd, oir tha an là naomh, agus na bithibh ri bròn. 12 Agus dh’imich an sluagh uile a dh’ithe agus a dh’òl, agus a chur chuibhreann uapa, agus a dhèanamh aoibhneis mhòir, a chionn gun do thuig iad na briathran a chuir iad an cèill dhaibh. 13 Agus air an dara là chruinnicheadh cuideachd cinn athraichean an t‑sluaigh uile, na sagartan agus na Lèbhithich, gu Esra an sgrìobhaiche, a‑chum gun tuigeadh iad briathran an lagha. 14 Agus fhuair iad sgrìobhte anns an lagh a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois gun gabhadh clann Israeil còmhnaidh ann am pàilleanan air an fhèill air an t‑seachdamh mìos. 15 Agus nuair a chuala iad seo, thug iad gairm nam bailtean uile, agus ann an Ierusalem, ag ràdh, Rachaibh a‑mach don t‑sliabh, agus thugaibh leibh geugan chrann-ola, agus geugan giuthais, agus geugan miortail, agus geugan pailme, agus geugan chraobh tiugha a dhèanamh phàillean, mar a tha e sgrìobhte. 16 Agus chaidh an sluagh a‑mach, agus thug iad leo iad, agus rinn iad dhaibh fhèin pàilleanan, gach fear air mullach a thaighe, agus nan cùirtean, agus ann an cùirtean taigh Dhè, agus ann an sràid geata an uisge, agus ann an sràid geata Ephraim. 17 Agus rinn uile choitheanal na muinntir a thàinig air an ais on bhraighdeanas pàilleanan, agus shuidh iad fo na pàilleanan: oir o làithean Iosua mhic Nuin, gu ruig an là sin, cha do rinn clann Israeil mar sin; agus bha gàirdeachas ro‑mhòr ann. 18 Agus leugh e ann an leabhar lagh Dhè là an dèidh là, on chiad là gu ruig an là mu dheireadh: agus chùm iad an fhèill seachd làithean, agus air an ochdamh là, àrd-choitheanal a rèir a’ ghnàtha. |