Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Nehemiah 7 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis nuair a thogadh am balla, agus a chuir mi suas na còmhlachan, agus a dh’òrdaicheadh na dorsairean, agus an luchd-seinn, agus na Lèbhithich,

2 Thug mi àithne dom bhràthair Hanani, agus Hananiah uachdaran na lùchairt, a‑thaobh Ierusaleim (oir bha e na dhuine fìrinneach, agus eagal Dhè air os cionn mhòrain);

3 Agus thubhairt mi riu, Na fosglar geatachan Ierusaleim gus am fàs a’ ghrian teth; agus a’ seasamh dhaibh fhathast aig làimh, druideadh iad na còmhlachan, agus crannadh iad iad: agus shuidhich mi freiceadain de luchd-àiteachaidh Ierusaleim, gach aon na fhreiceadan, agus gach aon fa chomhair a thaighe fhèin.

4 A‑nis bha am baile farsaing agus mòr: ach bha an sluagh tearc ann, agus cha robh na taighean air an togail.

5 Agus chuir mo Dhia ann am chridhe gun cruinnichinn ri chèile na h‑àrd-uaislean, agus an luchd-riaghlaidh, agus an sluagh, gu bhith air an àireamh a rèir an ginealaichean: agus fhuair mi leabhar ginealach na muinntir a thàinig a‑nìos an toiseach, agus fhuair mi sgrìobhte ann:

6 Is iad seo clann na mòr-roinne, a chaidh suas de na braighdean, dhiubhsan a thugadh air falbh, a thug Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin air falbh leis, agus a thill gu Ierusalem agus gu Iùdah, gach fear da bhaile fhèin:

7 A thàinig maille ri Serubabel, Iesua, Nehemiah, Asariah, Raamiah, Nahàmani, Mordecai, Bilsan, Misperet, Bigbhai, Nehum, Baanah. AIREAMH DAOINE SLUAGH ISRAEIL.

8 Mic Pharois, dà mhìle, ceud trì-fichead agus a dhà-dheug.

9 Mic Shephatiah, trì cheud, trì-fichead agus a dhà-dheug.

10 Mic Arah, sia ceud, dà‑fhichead agus a dhà-dheug.

11 Mic Phahat-mhòaib, de chloinn Iesua agus Ioaib, dà mhìle, ochd ceud agus ochd-deug.

12 Mic Elaim, mìle, dà cheud, leth-cheud agus a ceithir.

13 Mic Shatu, ochd ceud, dà‑fhichead agus a còig.

14 Mic Shacai, seachd ceud agus trì-fichead.

15 Mic Bhinui, sia ceud, dà‑fhichead agus a h‑ochd.

16 Mic Bhebai, sia ceud, fichead agus a h‑ochd.

17 Mic Asgaid, dà mhìle, trì cheud, fichead agus a dhà.

18 Mic Adonicaim, sia ceud, trì-fichead agus a seachd.

19 Mic Bhigbhai, dà mhìle, trì-fichead agus a seachd.

20 Mic Adin, sia ceud, lethcheud agus a còig.

21 Mic Ateir o Heseciah, ceithir-fichead agus ochd-deug.

22 Mic Hasuim, trì cheud, fichead agus a h‑ochd.

23 Mic Bhesai, trì cheud, fichead agus a ceithir.

24 Mic Hariph, ceud agus a dhà-dheug.

25 Mic Ghibeoin, ceithir-fichead agus còig-deug.

26 Fir Bhetleheim agus Netophah, ceud, ceithir-fichead agus a h‑ochd.

27 Fir Anatoit, ceud, fichead agus a h‑ochd.

28 Fir Bhet-asmabheit, dà‑fhichead agus a dhà.

29 Fir Chiriat-iearim, Chephirah, agus Bheeroit, seachd ceud, dà‑fhichead agus a trì.

30 Fir Ramah agus Ghaba, sia ceud, fichead agus a h‑aon.

31 Fir Mhichmais, ceud, agus fichead agus a dhà.

32 Fir Bheteil agus Ai, ceud, fichead agus a trì.

33 Fir Nebo eile, lethcheud agus a dhà.

34 Mic Elaim eile, mìle, dà cheud, lethcheud agus a ceithir.

35 Mic Harim, trì cheud, agus fichead.

36 Mic Iericho, trì cheud, dà‑fhichead agus a còig.

37 Mic Loid, Hadid agus Ono, seachd ceud, fichead agus a h‑aon.

38 Mic Shenaah, trì mìle, naoi ceud, agus deich-ar‑fhichead.

39 Na sagartan: Mic Iedaiah, de thaigh Iesua, naoi ceud, trì-fichead agus a trì-deug.

40 Mic Imeir, mìle, lethcheud agus a dhà.

41 Mic Phasuir, mìle, dà cheud, dà‑fhichead agus a seachd.

42 Mic Harim, mìle agus seachd-deug.

43 Na Lèbhitich: Mic Iesua agus Chadmieil, de chloinn Hodebhah, trì-fichead agus a ceithir-deug.

44 An luchd-seinn: Mic Asaiph, ceud, dà‑fhichead agus a h‑ochd.

45 Na dorsairean: Mic Shaluim, mic Ateir, mic Thalmoin, mic Acuib, mic Hatita, mic Shobai, ceud agus ochd-deug ar fhichead.

46 Na Netinich: Mic Shiha, mic Hasupha, mic Thabaoit.

47 Mic Cherois, mic Shia, mic Phadoin.

48 Mic Lebana, mic Hagaba, mic Shalmai.

49 Mic Hanain, mic Ghideil, mic Ghahair.

50 Mic Reaiah, mic Resin, mic Necoda.

51 Mic Ghadsaim, mic Udsa, mic Phaseah.

52 Mic Bhesai, mic Mheunim, mic Nephisesim.

53 Mic Bhacbuic, mic Hacupha, mic Harhuir.

54 Mic Bhaslit, mic Mhehida, mic Harsa.

55 Mic Bharcois, mic Shisera, mic Thamah.

56 Mic Nesiah, mic Hatipha.

57 Mic seirbhisich Sholaimh: Mic Shotai, mic Shophereit, mic Pherida.

58 Mic Iaala, mic Dharcoin, mic Ghideil.

59 Mic Shephatiah, mic Hatil, mic Phocherit o Shebaim, mic Amoin.

60 Na Netinich uile, agus clann seirbhisich Sholaimh, trì cheud, ceithir-fichead agus a dhà-dheug.

61 Agus seo iadsan a chaidh suas o Thelmelah, Telharsa, Cherub, Adon agus Imer; ach cha b’urrainn iad taigh an athar a nochdadh agus an sliochd, am b’ann de Israel iad.

62 Mic Dhelaiah, mic Thobiah, mic Necoda, sia ceud, dà‑fhichead agus a dhà.

63 Agus de na sagartan: Mic Habaiah, mic Chois, mic Bharsillai, a ghabh bean de nigheanan Bharsillai an Gileadach, agus a ghoireadh air an ainm.

64 Dh’iarr iadsan an clàr-sgrìobhaidh nam measg-san a bha air an àireamh a rèir an ginealaichean, ach cha d’fhuaireadh e: uime sin ghearradh as on t‑sagartachd iad.

65 Agus thubhairt an Tirsata riu nach faodadh iad ithe de na nithean ro‑naomha gus an seasadh sagart suas le Urim agus Tumim.

66 An coitheanal uile cuideachd, dà‑fhichead agus dà mhìle, trì cheud agus trì-fichead:

67 A thuilleadh air an òglaich agus am banoglaich, den robh ann seachd mìle, trì cheud agus seachd-deug ar fhichead, agus dhiubhsan dà cheud agus dà‑fhichead agus a còig nam fir agus nam mnathan-seinn.

68 An eich, seachd ceud agus sia-deug ar fhichead: am muileidean, dà cheud, dà‑fhichead agus a còig:

69 An càmhail, ceithir cheud agus còig-deug ar fhichead: an asail, sia mìle, seachd ceud agus fichead.

70 Agus thug cuid de chinn nan athraichean seachad airson na h‑obrach. Thug an Tirsata seachad don ionmhas mìle darcon òir, lethcheud cuach, còig ceud agus deich-ar‑fhichead culaidh sagairt.

71 Agus thug cuid de chinn nan athraichean seachad do ionmhas na h‑obrach fichead mìle darcon òir, agus dà mhìle agus dà cheud punnd airgid.

72 Agus seo na thug a’ chuid eile den t‑sluagh: fichead mìle darcon òir, agus dà mhìle punnd airgid, agus trì-fichead agus seachd culaidh sagairt.

73 Agus ghabh na sagartan, agus na Lèbhithich, agus na dorsairean, agus an luchd-seinn, agus cuid den t‑sluagh, agus na Netinich, agus Israel uile, còmhnaidh nam bailtean; agus nuair a thàinig an seachdamh mìos, bha clann Israeil nam bailtean.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan