Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Nehemiah 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus bha gàir mhòr aig an t‑sluagh, agus aig am mnathan, an aghaidh am bràithrean, na h‑Iùdhaich.

2 Agus bha ann a thubhairt, Le ar mic agus ar nigheanan tha sinne lìonmhor: agus gabhaidh sinn sìol air an son, a‑chum gun ith sinn, agus gum bi sinn beò.

3 Agus bha ann a thubhairt, Ar fearann, agus ar fìonliosan, agus ar taighean, bheir sinn ann an geall a‑chum gum faigh sinn sìol anns a’ ghorta.

4 Agus bha ann a thubhairt, Ghabh sinn airgead an coingheall airson cìs an rìgh air ar fearann agus ar fìon-liosan.

5 Agus a‑nis mar fheòil ar bràithrean tha ar feòil-ne, mar am mic-san ar mic-ne; ach feuch, tha sinn a’ toirt thairis ar mac agus ar nigheanan gu bhith nan tràillean, agus tha cuid de ar nigheanan air an toirt thairis cheana, agus gun chomas againn am fuasgladh, nuair a tha ar fearann agus ar fìon-liosan aig daoine eile.

6 Agus bha fearg mhòr orm nuair a chuala mi an gàir, agus na briathran sin.

7 Agus chuir mi mo chomhairle rim chridhe fhèin, agus chronaich mi na h‑àrd-uaislean, agus an luchd-riaghlaidh, agus thubhairt mi riu, Tha gach aon agaibh a’ togail ocair o a bhràthair. Agus chuir mi co‑chruinneachadh mòr nan aghaidh.

8 Agus thubhairt mi riu, Shaor sinne, a rèir ar comais, ar bràithrean na h‑Iùdhaich a reiceadh ris na cinnich, agus an reic sibhse mar an ceudna ur bràithrean, agus an reicear iad rinn fhèin? Ach bha iad nan tosd, agus cha d’fhuair iad nì air bith ri ràdh.

9 Mar an ceudna thubhairt mi, Cha mhath an nì a tha sibh a’ dèanamh: nach buineadh dhuibh gluasad ann an eagal ar Dè, airson masladh nan cinneach, ar naimhdean?

10 Dh’fhaodainn-sa cuideachd, mo bhràithrean, agus m’òglaich, airgead agus sìol a thogail uapa. Leigeamaid dhinn, guidheam oirbh, an t‑ain-dlighe seo.

11 Aisigibh dhaibh, guidheam oirbh, mar air an là‑an‑diugh, am fearann, am fìon-liosan, an liosan-ola; agus an taighean: mar an ceudna cuid den airgead, agus den t‑sìol, den fhìon, agus den ola, a tha sibh a’ togail uapa.

12 Agus thubhairt iadsan, Aisigidh sinn, agus chan iarr sinn uapa; mar sin nì sinn mar a tha thu ag ràdh. An sin ghairm mi na sagartan, agus ghabh mi mionnan dhiubh gun dèanadh iad a rèir a’ gheallaidh seo.

13 Mar an ceudna chrath mi m’uchd, agus thubhairt mi, Mar seo crathadh Dia gach duine nach coilean an gealladh seo, a‑mach as a thaigh, agus as a obair, eadhon mar seo crathar a‑mach agus falmhaichear e. Agus thubhairt an coitheanal uile, Amen, agus mhol iad an Tighearna. Agus rinn an sluagh a rèir a’ gheallaidh seo.

14 Os bàrr, on là air an tugadh òrdagh dhomh mi a bhith am uachdaran orra ann an tìr Iùdah, on fhicheadamh bliadhna, eadhon gus an dara-bliadhna-deug ar fhichead de Artacsercses an rìgh, dà‑bhliadhna-dheug, cha d’ith mise no mo bhràithrean aran an uachdarain.

15 Ach bha na ciad uachdarain a bha romham trom air an t‑sluagh, agus ghabh iad uapa aran agus fìon, a thuilleadh air dà‑fhichead secel airgid; rinn eadhon an òglaich aintighearnas air an t‑sluagh: ach cha do rinn mise mar sin air eagal Dhè.

16 Agus mar an ceudna ann an obair a’ bhalla seo bhuanaich mi, agus cha do cheannaich sinn fearann; agus chruinnicheadh m’òglaich uile an sin a dh’ionnsaigh na h‑obrach.

17 Agus bha aig mo bhòrd ceud-gu‑leth Iùdhach agus fear-riaghlaidh, a bhàrr orrasan a thàinig dar n‑ionnsaigh o na cinnich a tha mun cuairt oirnn.

18 Agus seo na dheasaicheadh airson gach là, aon damh, sia caoraich thaghte: mar an ceudna dheasaicheadh eòin dhomh, agus aon uair anns na deich làithean pailteas de gach gnè fhìona: gidheadh airson seo cha d’iarr mi aran an uachdarain, a chionn gu robh an daorsa trom air an t‑sluagh seo.

19 Cuimhnich ormsa, mo Dhia, a‑chum maith, a‑thaobh gach nì a rinn mi airson an t‑sluaigh seo.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan