Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Nehemiah 4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a chuala Sanbalat gu robh sinn a’ togail a’ bhalla, bha fearg air, agus bha e ann an corraich ro‑mhòir, agus rinn e fanaid air na h‑Iùdhaich.

2 Agus labhair e am fianais a bhràithrean agus armailt Shamaria, agus thubhairt e, Ciod a nì na h‑Iùdhaich anfhann seo? An daingnich iad iad fhèin? An ìobair iad? An crìochnaich iad ann an là? An tog iad suas a‑rìs na clachan as na dùin luaithre a chaidh a losgadh?

3 Agus bha Tobiah an t‑Amonach làimh ris, agus thubhairt e, Eadhon an nì a tha iad a’ togail, ma thèid sionnach suas, brisidh e sìos am balla cloiche.

4 Eisd, O ar Dia, oir tha tàir air a dhèanamh oirnn, agus tionndaidh am masladh air an ceann fhèin, agus tabhair iad nan cobhartach ann an tìr a’ bhraighdeanais:

5 Agus na còmhdaich an euceart, agus na dubhar a‑mach am peacadh as d’fhianais; oir bhrosnaich iad thu gu feirg an làthair an luchd-togail.

6 Agus thog sinn am balla; agus cheangladh am balla uile ri chèile gu ruig a leth: oir bha toil aig an t‑sluagh obair a dhèanamh.

7 Ach nuair a chuala Sanbalat, agus Tobiah, agus na h‑Arabaich, agus na h‑Amonaich, agus na h‑Asdodaich, gu robh uile bhallachan Ierusaleim gan cur suas, gun do thòisich na beàrnan ri bhith air an dùnadh, an sin bha fearg mhòr orra,

8 Agus chuir iad uile an comhairle ri chèile iad a theachd a chogadh an aghaidh Ierusaleim, agus ga bhacadh.

9 Ach rinn sinne ùrnaigh ri ar Dia, agus shuidhich sinn freiceadan nan aghaidh a là agus a dh’oidhche fan comhair.

10 Agus thubhairt Iùdah, Tha neart luchd-iomchair nan eallach air fàilneachadh, agus mòran luaithre ann, air chor is nach urrainn sinn am balla a thogail.

11 Agus thubhairt ar naimhdean, Cha bhi fhios aca, agus chan fhaic iad gus an tig sinn a‑steach nam meadhon, agus gum marbh sinn iad, agus gun cuir sinn stad air an obair.

12 Agus nuair a thàinig na h‑Iùdhaich a bha a chòmhnaidh làimh riu, thubhairt iad rinn deich uairean, As gach àit on till sibh dar n‑ionnsaigh-ne, bidh iad oirbh.

13 Uime sin shuidhich mi anns na h‑àitean a b’ìsle air cùlaibh a’ bhalla, agus air na h‑àitean a b’àirde, shuidhich mi eadhon an sluagh a rèir an teaghlaichean len claidheamhan, len sleaghan, agus lem boghachan.

14 Agus dh’amhairc, agus dh’èirich mi, agus thubhairt mi ris na h‑àrd-uaislean, agus ris an luchd-riaghlaidh, agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh romhpa: cuimhnichibh an Tighearna mòr agus uamhasach, agus cogaibh airson ur bràithrean, ur mac, agus ur nigheanan, ur ban, agus ur taighean.

15 Ach nuair a chuala ar naimhdean gun d’fhuair sinn fios air, agus a thug Dia an comhairle gu neoni, thill sinn uile a dh’ionnsaigh a’ bhalla, gach aon a dh’ionnsaigh a obrach fhèin.

16 Agus on àm sin a‑mach dh’obraich leth m’òglach-sa anns an obair, agus chùm an leth eile dhiubh na sleaghan, na sgiathan, agus na boghachan, agus na lùirichean: agus bha an luchd-riaghlaidh air cùlaibh uile thaigh Iùdah.

17 Dh’obraich iadsan a thog air a’ bhalla, agus iadsan a ghiùlain eallachan, maille riùsan a luchdaich, gach aon le aon làimh anns an obair, agus leis an làimh eile chùm e gath.

18 Agus bha aig gach aon den luchd-togail a chlaidheamh crioslaichte air a leis, nuair a thog iad: agus bha esan a shèid an trompaid làimh riumsa.

19 Agus thubhairt mi ris na h‑àrd-uaislean, agus ris an luchd-riaghlaidh, agus ris a’ chuid eile den t‑sluagh, Tha an obair mòr agus farsaing, agus tha sinn air ar dealachadh air a’ bhalla, gach aon fada o chèile:

20 Ge bè àit anns an cluinn sibh fuaim na trompaid cruinnichibh an sin dar n‑ionnsaigh-ne: cogaidh ar Dia air ar son.

21 Agus shaothraich sinn anns an obair: agus chùm leth dhiubh na sleaghan o èirigh na maidne gus am facas na rionnagan.

22 Mar an ceudna anns an àm sin thubhairt mi ris an t‑sluagh, Fanadh gach aon maille ra òglach ann an Ierusalem a‑chum gum bi iad nam freiceadan dhuinn anns an oidhche, agus anns an là nan luchd-obrach.

23 Agus cha do chuir mise, no mo bhràithrean, no m’òglaich, no fir an fhreiceadain a lean mi, dhinn ar n‑aodach: ach a‑mhàin gun do chuir gach duine dheth e airson a ionnlaid.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan