Nehemiah 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus dh’èirich Eliasib an t‑àrd-shagart maille ra bhràithrean na sagartan, agus thog iad geata nan caorach: naomhaich iad e, agus chuir iad suas a chòmhlachan: eadhon gu ruig tùr Mheah naomhaich iad e, agus gu ruig tùr Hananeeil. 2 Agus làimh ris-san thog fir Iericho: agus làimh riùsan thog Sacur mac Imri. 3 Ach geata an èisg thog mic Hasenaah: leag iad a shailthean, agus chuir iad suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn. 4 Agus làimh riùsan chàraich Meremot mac Uriah, mhic Chois: agus làimh ris-san chàraich Mesulam mac Bherechiah, mhic Mhesesabeil: agus làimh riùsan chàraich Sadoc mac Bhaanah. 5 Agus làimh riùsan chàraich na Tecòaich: ach cha do chuir an àrd-uaislean am muineal ri seirbhis an Tighearna. 6 Agus an seann gheata chàraich Iehoiada mac Phaseah, agus Mesulam mac Bhesodeiah: leag iad a shailthean, agus chuir iad suas a chòmhlachan, agus a ghlasan, agus a chroinn. 7 Agus làimh riùsan chàraich Melatiah an Gibeonach, agus Iadon am Meronotach, fir Ghibeoin agus Mhispah, gu ruig rìgh-chathair an uachdarain air an taobh seo den abhainn. 8 Làimh ris-san chàraich Udsiel mac Harhaiah, de na h‑òr‑cheàrdan: agus làimh ris-san chàraich Hananiah, mac aoin de na lèighean, agus neartaich iad Ierusalem gu ruig am balla leathann. 9 Agus làimh riùsan chàraich Rephaiah mac Huir, fear-riaghlaidh leth-roinn Ierusaleim. 10 Agus làimh ris-san chàraich Iedaiah mac Harumaiph, eadhon fa chomhair a thaighe: agus làimh ris-san chàraich Hatas, mac Hasabniah. 11 An t‑ath-thomhas chàraich Malchiah mac Harim, agus Hasub mac Phahat-mhòaib, agus tùr nan àmhainn. 12 Agus làimh ris-san chàraich Salum mac Haloheis, fear-riaghlaidh leth-roinn Ierusaleim, e fhèin agus a nigheanan. 13 Geata a’ ghlinne chàraich Hanun, agus luchd-àiteachaidh Shanòah: thog iad e, agus chuir iad suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus mìle làmh-choille den bhalla, gu ruig geata an aolaich. 14 Ach geata an aolaich chàraich Malchiah mac Rechaib, fear-riaghlaidh roinn Bhet-hacereim: thog e e, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn. 15 Ach geata an tobair chàraich Salum mac Chol-hoseh, fear-riaghlaidh roinn Mhispah: thog e e, agus chuir e dìon air, agus chuir e suas a chòmhlachan, a ghlasan, agus a chroinn, agus balla lochan Shiloah làimh ri lios an rìgh, agus gu ruig na ceuman a’ dol sìos o bhaile Dhaibhidh. 16 Na dhèidh-san chàraich Nehemiah mac Asbuic, fear-riaghlaidh leth-roinn Bhet-suir, gu ruig fa chomhair àitean-adhlacaidh Dhaibhidh, agus gu ruig an lochan a rinneadh, agus gu ruig Bet-agbarim. 17 Na dhèidh-san chàraich na Lèbhithich, Rehum mac Bhani: làimh ris-san chàraich Hasabiah, fear-riaghlaidh leth-roinn Cheilah, na roinn fhèin. 18 Na dhèidh-san chàraich am bràithrean, Babhai mac Henadaid, fear-riaghlaidh leth-roinn Cheilah. 19 Agus làimh ris-san chàraich Eser mac Iesua, fear-riaghlaidh Mhispah, an t‑ath-thomhas fa chomhair an dol suas don arm-thaigh aig an tionndadh. 20 Na dhèidh-san chàraich Baruch mac Shabai an t‑ath-thomhas, on tionndadh gu ruig doras taigh Eliasib an t‑àrd-shagart. 21 Na dhèidh-san chàraich Meremot mac Uriah, mhic Acois, an t‑ath-thomhas, o dhoras taigh Eliasib gu ruig ceann taigh Eliasib. 22 Agus na dhèidh-san chàraich na sagartan, daoine a’ chòmhnaird. 23 Nan dèidh-san chàraich Beniàmin agus Hasub, fa chomhair an taighe: na dhèidh-san chàraich Asariah mac Mhaaseiah, mhic Ananiah, làimh ra thaigh. 24 Na dhèidh-san chàraich Binui, mac Henadaid, an t‑ath-thomhas, o thaigh Asariah gu ruig an tionndadh, agus gu ruig an oisinn. 25 Palal mac Udsai, fa chomhair an tionndaidh, agus an tùir a tha a’ dol a‑mach o thaigh àrd an rìgh, a bha làimh ri cùirt a’ phrìosain: na dhèidh-san Pedaiah mac Pharois. 26 Mar an ceudna na Netinich a bha a chòmhnaidh ann an Ophel, gu ruig fa chomhair geata an uisge a làimh na h‑àird an‑ear, agus an tùir a tha a’ dol a‑mach. 27 Nan dèidh-san chàraich na Tecòaich an t‑ath-thomhas, fa chomhair an tùir mhòir a tha a’ dol a‑mach, gu ruig balla Opheil. 28 O thaobh shuas geata nan each chàraich na sagartan, gach aon fa chomhair a thaighe. 29 Nan dèidh-san chàraich Sadoc mac Imeir, fa chomhair a thaighe: agus na dhèidh-san chàraich Semaiah, mac Shechaniah, fear-gleidhidh an dorais an ear. 30 Na dhèidh-san chàraich Hananiah, mac Shelemiah, agus Hanun, siathamh mac Shalaiph, an t‑ath-thomhas: na dhèidh-san chàraich Mesulam mac Bherechiah, fa chomhair a sheòmair fhèin. 31 Na dhèidh-san chàraich Malchiah, mac an òr‑cheàird, gu àite nan Netineach, agus nan ceannaichean fa chomhair geata Mhiphcaid, agus gu dol suas na h‑oisinn. 32 Agus o dhol suas na h‑oisinn gu geata nan caorach, chàraich na h‑òr‑cheàrdan agus na ceannaichean. |