Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Nehemiah 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh ann am mìos Nisain, anns an fhicheadamh bliadhna de Artacsercses an rìgh, gu robh fìon fa chomhair; agus ghabh mi am fìon, agus thug mi e don rìgh. Agus cha robh mise roimhe sin dubhach na fhianais.

2 Uime sin thubhairt an rìgh rium, Carson a tha do ghnùis dubhach, agus gun thu a bhith tinn? Cha nì eile seo ach cràdh cridhe. Agus bha eagal mòr orm;

3 Agus thubhairt mi ris an rìgh, Gum maireadh an rìgh gu bràth: carson nach biodh mo ghnùis dubhach, nuair a tha am baile, àit-adhlacaidh m’athraichean, air fhàsachadh, agus a gheatachan air an caitheamh le teine?

4 Agus thubhairt an rìgh rium, Ciod e seo a tha thu ag iarraidh? Agus rinn mi ùrnaigh ri Dia nan nèamh:

5 Agus thubhairt mi ris an rìgh, Mas math leis an rìgh, agus ma gheibh do sheirbhiseach deagh-ghean ad fhianais, gun cuireadh tu mi a dh’ionnsaigh Iùdah, gu baile àit-adhlacaidh m’athraichean, agus gun tog mi e.

6 Agus thubhairt an rìgh rium, agus a’ bhànrighinn na suidhe làimh ris, Cia fhad an ùine a bhios tu air do thuras; agus cuin a thilleas tu? Agus bu toil leis an rìgh mo chur air falbh, agus shuidhich mi àm ris.

7 Agus thubhairt mi ris an rìgh, Mas toigh leis an rìgh, thugar litrichean dhomh a dh’ionnsaigh nan uachdaran air an taobh thall den abhainn, a‑chum gun cuir iad thairis mi gus an tig mi gu Iùdah:

8 Agus litir gu Asaph, fear-gleidhidh frìth an rìgh, a‑chum gun toir e dhomh fiodh a dhèanamh sailthean airson geatachan na lùchairt a bhuineas don taigh, agus airson balla a’ bhaile, agus airson an taighe don tèid mi. Agus thug an rìgh dhomh, a rèir làmh mhath mo Dhè orm.

9 Agus thàinig mi a dh’ionnsaigh nan uachdaran air an taobh eile den abhainn, agus thug mi dhaibh litrichean an rìgh. A‑nis chuir an rìgh maille rium ceannardan den armailt agus marc-shluagh.

10 Nuair a chuala Sanbalat an t‑Horonach agus Tobiah, an seirbhiseach an t‑Amonach, e, chuir e doilgheas mòr orra gun tàinig duine a dh’iarraidh leas chloinn Israeil.

11 Agus thàinig mi gu Ierusalem, agus bha mi an sin trì làithean.

12 Agus dh’èirich mi anns an oidhche, mi fhèin agus beagan dhaoine maille rium; ach cha d’innis mi do dhuine ciod a chuir mo Dhia ann am chridhe a dhèanamh ann an Ierusalem: agus cha robh ainmhidh maille rium, ach an t‑ainmhidh air an do mharcaich mi.

13 Agus chaidh mi a‑mach anns an oidhche air geata a’ ghlinne, agus fa chomhair tobar an dràgoin, agus gu geata an aolaich, agus ghabh mi sealladh de bhallachan Ierusaleim, a bha air am briseadh sìos, agus de a geatachan a bha air an caitheamh le teine.

14 Agus chaidh mi air m’aghaidh gu geata an tobair, agus gu lochan an rìgh: ach cha robh àit ann don ainmhidh a bha fodham gu dol thairis.

15 An sin chaidh mi suas anns an oidhche làimh ris an t‑sruth, agus ghabh mi sealladh den bhalla, agus thionndaidh mi air m’ais, agus chaidh mi a‑steach air geata a’ ghlinne, agus thill mi.

16 Agus cha robh fhios aig an luchd-riaghlaidh càit an deachaidh mi, no ciod a rinn mi, agus cha d’innis mi e do na h‑Iùdhaich, no do na sagartan, no do na h‑àrd-uaislean, no don luchd-riaghlaidh, no don chuid eile a rinn an obair.

17 Agus thubhairt mi riu, Tha sibh a’ faicinn a’ chruaidh-chàis anns a bheil sinn, mar a tha Ierusalem air a fàsachadh, agus a geatachan air an losgadh le teine: thigibh agus togamaid balla Ierusaleim, a‑chum is nach bi sinn nas mò nar masladh.

18 Agus dh’innis mi dhaibh a‑thaobh làmh mo Dhè, a bha math orm, agus mar an ceudna briathran an rìgh a labhair e rium. Agus thubhairt iad, Eireamaid agus togamaid. Agus neartaich iad an làmhan a‑chum maith.

19 Ach nuair a chuala Sanbalat an t‑Horonach, agus Tobiah an seirbhiseach an t‑Amonach, agus Gesem an t‑Arabach e, rinn iad gàire fanaid oirnn, agus rinn iad tàir oirnn, agus thubhairt iad, Ciod an nì seo a tha sibh a’ dèanamh? An dèan sibh ceannairc an aghaidh an rìgh?

20 An sin fhreagair mi iad, agus thubhairt mi riu, Dia nan nèamh, soirbhichidh esan leinn: a chionn gur sinne a sheirbhisich, èiridh sinn agus togaidh sinn: ach agaibhse chan eil cuibhreann, no còir, no cuimhneachan ann an Ierusalem.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan