Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Nehemiah 12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus is iad seo na sagartan agus na Lèbhithich a chaidh suas maille ri Serubabel mac Shealtieil, agus Iesua: Seraiah, Ieremiah, Esra,

2 Amariah, Maluch, Hatus,

3 Sechaniah, Rehum, Meremot,

4 Ido, Gineto, Abiah,

5 Miamin, Maadiah, Bilgah,

6 Semaiah, agus Ioiarib, Iedaiah,

7 Salu, Amoc, Hilciah, Iedaiah: b’iad sin cinn nan sagart, agus am bràithrean ann an làithean Iesua.

8 Agus na Lèbhithich: Iesua, Binui, Cadmiel, Serebiah, Iùdah, agus Mataniah, a bha os cionn nan laoidhean-molaidh, e fhèin agus a bhràithrean;

9 Agus Bacbuciah, agus Uni, agus am bràithrean, a bha thall fan comhair-san anns na fairean.

10 Agus ghin Iesua Ioiacim, agus ghin Ioiacim Eliasib, agus ghin Eliasib Ioiada,

11 Agus ghin Ioiada Ionatan, agus ghin Ionatan Iadua.

12 Agus ann an làithean Ioiacim bha sagartan, cinn nan athraichean: o Sheraiah, Meraiah: o Ieremiah, Hananiah:

13 O Esra, Mesulam: o Amariah, Iehohanan:

14 O Mhelicu, Ionatan: o Shechaniah, Iòseph:

15 O Harim, Adnah: o Mheraiot, Helcai:

16 O Ido, Sechariah: o Ghineton, Mesulam:

17 O Abiah, Sichri: o Mhiamin, o Mhoadiah, Piltai:

18 O Bhilgah, Samua: o Shemaiah, Iehonatan:

19 O Ioiarib, Matenai: o Iedaiah, Udsi:

20 O Shalai, Calai: o Amoc, Eber:

21 O Hilciah, Hasabiah: o Iedaiah, Netaneel.

22 Sgrìobhadh sìos na Lèbhithich ann an làithean Eliasib, Ioiada, agus Iehonain, agus Iadua, cinn nan athraichean; agus na sagartan gu ruig rìoghachadh Dhariuis am Persianach.

23 Sgrìobhadh sìos mic Lèbhi, cinn nan athraichean, ann an leabhar nan eachdraidh, gu ruig làithean Iohanain mhic Eliasib.

24 Agus cinn nan Lèbhitheach: Hasabiah, Serebiah, agus Iesua mac Chadmieil, agus am bràithrean thall fan comhair, a mholadh agus a thabhairt buidheachais a rèir àithne Dhaibhidh òglach Dhè, faire fa chomhair faire.

25 Mataniah, agus Bacbuciah, Obadiah, Mesulam, Talmon, Acub, nan dorsairean a’ coimhead na faire aig stairsneachan nan geatachan.

26 Iad sin ann an làithean Ioiacim mhic Iesua, mhic Iosadaic, agus ann an làithean Nehemiah an t‑uachdaran, agus Esra an sagart, an sgrìobhaiche.

27 Agus aig coisrigeadh balla Ierusaleim dh’iarr iad na Lèbhithich as an àitean uile, a‑chum an tabhairt gu Ierusalem, a chumail a’ choisrigidh le aoibhneas, agus le breith-buidheachais, agus le seinn, le ciombalan, saltairean, agus le clàrsaichean.

28 Agus chruinnich mic an luchd-seinn an ceann a chèile, araon as an tìr rèidh mu thimcheall Ierusaleim, agus à bailtean beaga Netophati;

29 Agus à taigh Ghilgail, agus à machraichean Gheba agus Asmabheit; oir thog an luchd-seinn bailtean beaga dhaibh fhèin mu thimcheall Ierusaleim.

30 Agus ghlan na sagartan agus na Lèbhithich iad fhèin, agus ghlan iad an sluagh, agus na geatachan, agus am balla.

31 An sin thug mi suas uachdarain Iùdah air a’ bhalla, agus dh’òrdaich mi dà chuideachd mhòr a‑chum molaidh, agus gun imicheadh aon a dh’ionnsaigh na làimhe deise air a’ bhalla gu geata an aolaich:

32 Agus nan dèidh-san chaidh Hosaiah, agus leth uachdarain Iùdah.

33 Agus Asariah, Esra, agus Mesulam,

34 Iùdah, agus Beniàmin, agus Semaiah, agus Ieremiah:

35 Agus cuid de mhic nan sagart le trompaidean; Sechariah mac Ionatain, mhic Shemaiah, mhic Mhataniah, mhic Mhichaiah, mhic Shacuir, mhic Asaiph;

36 Agus a bhràithrean Semaiah, agus Asareel, Milalai, Gilalai, Maai, Netaneel, agus Iùdah, agus Hanani, le innealan-ciùil Dhaibhidh òglach Dhè, agus Esra an sgrìobhaiche romhpa.

37 Agus aig geata an tobair a bha fan comhair, chaidh iad suas air ceuman baile Dhaibhidh, aig dol suas a’ bhalla, os cionn taigh Dhaibhidh, gu ruig geata an uisge a làimh na h‑àird an ear.

38 Agus dh’imich a’ chuideachd eile a bha a‑chum molaidh thall fan comhair, agus mise nan dèidh, agus leth an t‑sluaigh air a’ bhalla, o thaobh shuas tùr nan àmhainn gu ruig am balla leathann;

39 Agus o thaobh shuas geata Ephraim, agus os cionn an t‑seana gheata, agus os cionn geata an èisg, agus tùr Hananeeil, agus tùr Mheah, gu ruig geata nan caorach; agus sheas iad ann an geata a’ phrìosain.

40 An sin sheas an dà chuideachd a bha a‑chum molaidh ann an taigh Dhè, agus mise agus leth an luchd-riaghlaidh maille rium:

41 Agus na sagartan, Eliacim, Maaseiah, Miniamin, Michaiah, Elioenai, Sechariah, Hananiah le trompaidean;

42 Agus Maaseiah, agus Semaiah, agus Eleàsar, agus Udsi, agus Iehonanan, agus Malchiah, agus Elam, agus Eser: agus sheinn an luchd-seinn gu h‑àrd, agus Iesraiah na fhear-coimhead thairis orra.

43 Agus dh’ìobair iad air an là sin ìobairtean mòra, agus rinn iad gàirdeachas; oir thug Dia orra gàirdeachas a dhèanamh le aoibhneas mòr: rinn na mnathan mar an ceudna agus a’ chlann gàirdeachas, agus chualas gàirdeachas Ierusaleim an cèin.

44 Agus shuidhicheadh air an là cheudna daoine os cionn nan seòmar airson nan ionmhas, airson nan tabhartas, airson nan ciad-thoradh, agus airson nan deicheamh, a‑chum gun cruinnicheadh iad annta à achaidhean nam bailtean cuibhreannan an lagha do na sagartan agus do na Lèbhithich: oir bha aoibhneas air Iùdah airson nan sagart agus airson nan Lèbhitheach a bha a’ feitheamh.

45 Agus choimhead iad faire an Dè, agus faire a’ ghlanaidh, araon an luchd-seinn agus na dorsairean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Sholaimh a mhac:

46 Oir ann an làithean Dhaibhidh agus Asaiph o shean bha cinn ann air an luchd-seinn, agus air na laoidhean molaidh agus buidheachais do Dhia.

47 Agus thug Israel uile seachad ann an làithean Sherubabeil, agus ann an làithean Nehemiah, cuibhreannan an luchd-seinn agus nan dorsair, dlighe gach là air a là fhèin; agus naomhaich iad nithean do na Lèbhithich; agus naomhaich na Lèbhithich do chloinn Aaroin.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan