Nehemiah 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus seo iadsan a chuir an seula ris: Nehemiah an Tirsata, mac Hachaliah, agus Sedeciah, 2 Seraiah, Asariah, Ieremiah, 3 Pasur, Amariah, Malchiah, 4 Hatas, Sebaniah, Maluch, 5 Harim, Meremot, Obadiah, 6 Daniel, Gineton, Baruch, 7 Mesulam, Abiah, Miamin, 8 Maasiah, Bilgai, Semaiah, b’iad sin na sagartan. 9 Agus na Lèbhithich: Iesuah mac Asaniah, Binui de mhic Henadaid, Cadmiel; 10 Agus am bràithrean, Sèbaniah, Hodiah, Celita, Pelaiah, Hanan, 11 Micha, Rehob, Hasabiah, 12 Sacur, Serebiah, Sèbaniah, 13 Hodiah, Bani, Beninu. 14 Cinn an t‑sluaigh: Paros, Pahat-mòab, Elam, Satu, Bani, 15 Buni, Asgad, Bebai, 16 Adoniah, Bigbhai, Adin, 17 Ater, Hisciah, Adsur, 18 Hodiah, Hasum, Besai, 19 Hariph, Anatot, Nebai, 20 Magpias, Mesulam, Hesir, 21 Mesesabeel, Sadoc, Iadua, 22 Pelatiah, Hanan, Anaiah, 23 Hosèa, Hananiah, Hasub, 24 Halohes, Pileha, Sobec, 25 Rehum, Hasabnah, Maaseiah, 26 Agus Ahiah, Hanan, Anan, 27 Maluch, Harim, Baanah. 28 Agus a’ chuid eile den t‑sluagh, na sagartan na Lèbhithich, na dorsairean, an luchd-seinn, na Netinich, agus iadsan uile a dhealaich iad fhèin o shluagh nan tìrean a‑chum lagh Dhè, am mnathan, am mic, agus an nigheanan, gach aon aig an robh eòlas agus tuigse; 29 Dhlùth-lean iad rim bràithrean, an àrd-uaislean, agus chaidh iad fo mhallachadh, agus fo mhionnan, gluasad ann an lagh Dhè, a thugadh seachad le làimh Mhaois, òglach Dhè, agus a choimhead agus a dhèanamh uile àitheantan Iehòbhah ar Tighearna, agus a bhreitheanas, agus a reachdan: 30 Agus nach toir sinn ar nigheanan do shluagh na tìre, agus nach gabh sinn an nigheanan-san dar mic: 31 Agus ma bheir sluagh na tìre leo bathar no biadh air bith air là na sàbaid, ga reic, nach ceannaich sinn e uapa air an t‑sàbaid no air là naomh: agus gun leig sinn leis an t‑seachdamh bliadhna, agus le togail nam fiach uile. 32 Mar an ceudna rinn sinn reachdan dhuinn fhèin, an treas cuid de shecel a chur de fhiachan oirnn fhèin gach bliadhna, airson seirbhis taigh ar Dè: 33 Airson an arain thaisbeanta, agus airson an tabhartas-bhìdh ghnàthaichte, agus airson ìobairt-loisgte ghnàthaichte nan sàbaid agus nan gealach nodha, airson nam fèill suidhichte, agus airson nan nithean naomha, agus airson nan ìobairt-pheacaidh, a dhèanamh rèite airson Israeil, agus airson uile obair taigh ar Dè. 34 Agus thilg sinn croinn, na sagartan na Lèbhithich, agus an sluagh, mun tabhartas-fhiodha, a‑chum a thabhairt gu taigh ar Dè, a rèir taigh ar n‑athraichean, air àmannan suidhichte, o bhliadhna gu bliadhna, a losgadh air altair an Tighearna ar Dia, mar a tha e sgrìobhte anns an lagh: 35 Agus a thabhairt ciad-thoradh ar fearainn, agus ciad-thoradh uile mheas gach uile chraoibh, o bhliadhna gu bliadhna, gu taigh an Tighearna: 36 Agus a thabhairt ciad-ghin ar mac agus ar n‑ainmhidhean, mar a tha e sgrìobhte anns an lagh, agus ciad-ghin ar cruidh agus ar caorach, gu taigh ar Dè, a dh’ionnsaigh nan sagart a fhrithealas ann an taigh ar Dè: 37 Agus gun tugamaid ciad-thoradh ar taoise, agus ar tabhartas, agus meas gach gnè craoibhe, fìona, agus ola, a dh’ionnsaigh nan sagart, gu seòmraichean taigh ar Dè; agus deicheamh ar fearainn do na Lèbhithich, air chor is gum faigheadh na Lèbhithich sin an deicheamh ann an uile bhailtean ar treabhachais. 38 Agus bidh an sagart, mac Aaroin, maille ris na Lèbhithich, nuair a thogas na Lèbhithich suas leo deicheamh an deichimh gu taigh ar Dè, a‑steach do na seòmraichean, do thaigh an ionmhais: 39 Oir bheir clann Israeil agus clann Lèbhi leo tabhartas an arbhair, an fhìona nuaidh, agus na h‑ola, a‑steach do na seòmraichean, far a bheil soithichean an ionaid naoimh, agus na sagartan, agus an luchd-frithealaidh, agus na dorsairean, agus an luchd-seinn. Agus cha trèig sinne taigh ar Dè. |