Nehemiah 1 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Briathran Nehemiah mhic Hachaliah. Agus thàrladh anns a’ mhìos Chisleu, anns an fhicheadamh bliadhna, nuair a bha mi ann an Susan an lùchairt. 2 Gun tàinig Hanani, aon dem bhràithrean, e fhèin agus daoine de Iùdah: agus dh’fheòraich mi dhiubh a‑thaobh nan Iùdhach a chaidh as, a dh’fhàgadh den bhraighdeanas, agus mu thimcheall Ierusaleim. 3 Agus thubhairt iad rium, Tha am fuidheall a dh’fhàgadh den bhraighdeanas an sin anns a’ mhòr-roinn ann an àmhghar mòr agus ann am mì‑chliù; agus bhriseadh balla Ierusaleim sìos, agus loisgeadh a geatachan le teine. 4 Agus nuair a chuala mi na briathran seo, shuidh mi sìos, agus ghuil mi, agus rinn mi bròn làithean àraidh, agus thraisg mi, agus rinn mi ùrnaigh am fianais Dia nan nèamh, 5 Agus thubhairt mi, Guidheam ort, a Thighearna Dhè nan nèamh, an Dia mòr agus uamhasach, a ghleidheas coicheangal agus tròcair dhaibhsan a ghràdhaicheas e, agus a choimheadas a àitheantan; 6 Biodh do chluas a‑nis furachair, agus do shùilean fosgailte, a‑chum is gun èisd thu ri ùrnaigh d’òglaich, a tha mi a’ dèanamh ad fhianais a‑nis, a là agus a dh’oidhche, airson chloinn Israeil d’òglach: agus tha mi ag aideachadh peacaidhean chloinn Israeil, a pheacaich sinn ad aghaidh: pheacaich araon mise agus taigh m’athar. 7 Rinn sinn gu ro‑thruaillidh ad thaobh-sa, agus cha do ghlèidh sinn na h‑àitheantan, no na reachdan, no na breitheanais a dh’àithn thu dod òglach Maois. 8 Cuimhnich, guidheam ort, am facal a dh’àithn thu dod òglach Maois, ag ràdh, Ma pheacaicheas sibh, sgapaidh mise sibh am measg nan cinneach. 9 Ach ma thilleas sibh am ionnsaigh agus gun coimhead sibh m’àitheantan, agus gun dèan sibh iad, ged robh iad dhibh air an tilgeadh a‑mach don chuid as iomallaiche de nèamh, cruinnichidh mi as a sin iad, agus bheir mi iad don àit a thagh mi, a chur m’ainme an sin. 10 A‑nis is iad seo do sheirbhisich agus do shluagh, a shaor thu led mhòr chumhachd, agus led làimh thrèin. 11 A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a‑nis furachair ri ùrnaigh do sheirbhisich, agus ri ùrnaigh d’òglaich, leis am miann eagal d’ainme a bhith orra: agus soirbhich, guidheam ort, led sheirbhiseach an‑diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine seo. A‑nis bha mise am ghille-cupain aig an rìgh. |