Nahum 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Tha esan a phronnas ann am bloighdean air teachd a‑nìos fad chomhair; glèidh an daingneach, cuir faire air an t‑slighe, dèan do leasraidh làidir, neartaich gu treun do chumhachd. 2 Oir aisigidh an Tighearna a‑rìs òirdheirceas Iàcoib, mar òirdheirceas Israeil: oir mhill an luchd-millidh iad, agus sgrios iad an geugan. 3 Rinneadh sgiath a dhaoine cumhachdach dearg, tha na gaisgich ann an sgàrlaid: bidh na carbadan mar leusan lasrach ann an là a ullachaidh; agus crathar gu h‑uamhasach na sleaghan giuthais. 4 Bidh na carbadan air bhoile anns na sràidean, buailidh iad an aghaidh a chèile anns na h‑ionadan farsaing: bidh an dreach mar leòis, ruithidh iad mar dhealanaich. 5 Àirmhidh e a dhaoine treuna a‑rìs: leagaidh iad sìos nan imeachd: nì iad deifir a‑chum a bhalla, agus ullaichear an dìdean. 6 Fosglar geatachan na h‑aibhne, agus bidh an lùchairt air a sgaoileadh. 7 Agus bheirear Husab air falbh ann am bruid, bheirear suas i; agus a gruagaichean na co‑imeachd, mar le guth chalaman, a’ bualadh air an uchd. 8 Ach tha sruthan Ninebheh mar linne uisge; agus tha iadsan a’ teicheadh. Seasaibh, seasaibh; ach cha seall aon neach na dhèidh. 9 Glacaibh-se a’ chreach airgid, glacaibh a’ chreach òir; chan eil crìoch air an ionmhas ghlòrmhor, leis gach uile sheòrsa de shoithichean rìomhach. 10 Tha i falamh, agus faoin, agus fàs, agus tha an cridhe a’ leaghadh, agus na glùinean a’ bualadh air a chèile; agus tha mòran cràidh anns na h‑uile leasraidh; agus tha an aghaidhean gu lèir a’ tional dorchadais. 11 Càit a bheil còmhnaidh nan leòmhann, agus àite-beathachaidh nan leòmhann òga? Far an do ghluais an leòmhann, an seann leòmhann, agus cuilean an leòmhainn, gun aon air bith a chur geilt orra. 12 Reub an leòmhann gu leòr airson a chuileanan, agus mharbh e airson a leòmhannan boireann, agus lìon e a thuill le cobhartach, agus a uaimh le creich. 13 Feuch, tha mise ann ad aghaidh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus loisgidh mi do charbadan anns an teine; agus ithidh an claidheamh do leòmhainn òga; agus gearraidh mise do chreach on talamh, agus cha chluinnear nas mò guth do theachdairean. |