Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Micah 4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Ach tàrlaidh anns na làithean deireannach gum bi sliabh taigh an Tighearna air a dhaingneachadh air mullach nan sliabh, agus àrdaichear e os cionn nam beann; agus sruthaidh na slòigh da ionnsaigh.

2 Agus thèid mòran chinneach, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, agus gu taigh Dia Iàcoib; agus teagaisgidh e dhuinn ma shlighean, agus gluaisidh sinne na cheuman: oir à Sion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna à Ierusalem.

3 Agus bheir e breith am measg mòran shluagh, agus bheir e achmhasan do chinnich làidir fad as; agus buailidh iad an claidheamhan gu coltair, agus an sleaghan gu corranan-sgathaidh: cha tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus chan fhòghlaim iad cogadh nas mò.

4 Ach suidhidh iad gach duine fo a fhìonain, agus fo a chrann-fìge fhèin, agus cha chuir aon neach eagal orra; oir beul Iehòbhah, Dia nan sluagh, labhair e.

5 Oir gluaisidh na h‑uile shlòigh, gach aon ann an ainm a dhè fhèin; ach gluaisidh sinne ann an ainm Iehòbhah ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal.

6 Anns an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, cruinnichidh mi ise a tha bacach, agus tionailidh mi ise a tha air a fògradh a‑mach, agus ise a chuir mi fo àmhghar.

7 Agus nì mi ise a bha bacach na h‑iarmad, agus ise a bha air a tilgeadh air falbh na cinneach làidir; agus riaghlaidh an Tighearna os an cionn ann an sliabh Shioin, o seo a‑mach, eadhon gu sìorraidh.

8 Agus thusa, O thùir an treud, a dhaingnich làidir nighean Shioin, thig d’àm‑sa; agus tillidh an t‑seann uachdaranachd, an rìoghachd, gu nighinn Ierusaleim.

9 A‑nis carson a tha thu a’ glaodhaich gu h‑àrd? A bheil rìgh air bith annad? An do bhàsaich d’fhear-comhairle? Oir ghlac ioghannan thu, mar mhnaoi ri saothair.

10 Bi ann an saothair, agus beir, O nighean Shioin, mar mhnaoi ri saothair: oir a‑nis thèid thu a‑mach as a’ chathair, agus gabhaidh tu còmhnaidh anns a’ mhachair, agus thèid thu eadhon gu Bàbilon; an sin saorar thu; an sin fuasglaidh an Tighearna thu à làimh do naimhdean.

11 A‑nis fòs tha mòran chinneach air cruinneachadh ad aghaidh, a tha ag ràdh, Biodh i air a truailleadh, agus faiceadh ar sùil ar miann air Sion.

12 Ach chan aithne dhaibh seo smuaintean an Tighearna, cha mhò a thuigeas iad a chomhairle: oir nì e an cruinneachadh mar na sguaban a‑chum an ùrlair.

13 Èirich agus buail an t‑arbhar, O nighean Shioin; oir nì mise d’adharc na h‑iarann, agus d’iongannan nan umha; agus buailidh tu nam bloighdean mòran chinneach; agus coisrigidh tu an ionmhas don Tighearna; agus am maoin do Thriath na talmhainn uile.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan