Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Micah 3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thubhairt mi, Eisdibh, guidheam oirbh, O cheannardan Iàcoib, agus a phrionnsachan taigh Israeil; nach buin dhuibhse fios a bhith agaibh ciod a tha ceart?

2 Sibhse a tha a’ fuathachadh a’ mhaith, agus a’ gràdhachadh an uilc; a tha a’ spìonadh dhiubh an craicinn, agus am feòla bhàrr an cnàmh:

3 A tha fòs ag ithe feòil mo shluaigh-sa, agus a’ fionnadh dhiubh an craicinn, agus a’ briseadh an cnàmh, agus gan gearradh nam bloighdean, mar fheòil airson na poite, agus mar bhiadh ann am meadhon a choire.

4 An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna, ach chan èisd e riu: falaichidh e fòs a ghnùis uapa anns an àm sin, mar a ghiùlain iad iad fhèin gu h‑olc nan gnìomharan.

5 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh mu thimcheall nam fàidhean a tha a’ toirt air mo shluagh-sa dol air seachran, a tha a’ teumadh lem fiaclan, agus a’ glaodhaich, Sìth: ach airson an tì nach cuir nam beul, tha iad ag ullachadh cogaidh na aghaidh.

6 Air an adhbhar sin thig oidhche oirbh, air chor is nach faic sibh sealladh; agus thig dorchadas oirbh, air chor is nach dèan sibh fàistneachd; agus thèid a’ ghrian sìos air na fàidhean agus bidh an là os an cionn dorcha.

7 An sin bidh nàire air na fiosraichean, agus amhluadh air na fàidhean; seadh, còmhdaichidh iad uile am beul, oir chan eil freagradh air bith o Dhia.

8 Ach gu deimhinn tha mise làn cumhachd, le spiorad an Tighearna, agus de bhreitheanas, agus de neart; a leigeadh ris a easaontais do Iàcob, agus a pheacaidh do Israel.

9 Cluinnibh seo, guidheam oirbh, a cheannardan taigh Iàcoib, agus a luchd-stiùraidh taigh Israeil; sibhse aig a bheil fuath do bhreitheanas, agus a tha a’ fiaradh gach uile cheartais:

10 A tha a’ togail Shioin suas le fuil, agus Ierusaleim le dòbheairt.

11 Tha an ceannardan a’ toirt breith airson duaise, agus an sagartan a’ teagasg airson tuarasdail, agus am fàidhean a’ fàistneachd airson airgid; gidheadh leigidh iad an taice ris an Tighearna, ag ràdh, Nach eil an Tighearna nar meadhon? Cha tig aon olc oirnn.

12 Uime sin, air ur son-se bidh Sion air a treabhadh mar mhachair, agus bidh Ierusalem na cùirn; agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan