Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Mata 1 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Leabhar ginealach Iosa Crìosd, mhic Dhaibhidh mhic Abrahàim.

2 Ghin Abrahàm Isaac, agus ghin Isaac Iàcob, agus ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean,

3 Agus ghin Iùdas Phares agus Sara o Thamar, agus ghin Phares Esrom, agus ghin Esrom Aram,

4 Agus ghin Aram Aminadab, agus ghin Aminadab Naason, agus ghin Naason Salmon,

5 Agus ghin Salmon Bòas o Rachab, agus ghin Bòas Obed o Rut, agus ghin Obed Iese,

6 Agus ghin Iese Daibhidh an rìgh, agus ghin Daibhidh an rìgh Solamh on mhnaoi a bha aig Urias,

7 Agus ghin Solamh Rebòam, agus ghin Rebòam Abia, agus ghin Abia Asa,

8 Agus ghin Asa Iosaphat, agus ghin Iosaphat Ioram, agus ghin Ioram Osias,

9 Agus ghin Osias Ioatam, agus ghin Ioatam Achas, agus ghin Achas Esecias,

10 Agus ghin Esecias Manases, agus ghin Manases Amon, agus ghin Amon Iosias,

11 Agus ghin Iosias Iechonias agus a bhràithrean, mu àm an giùlain do Bhàbilon;

12 Agus an dèidh an toirt do Bhàbilon, ghin Iechonias Salatiel, agus ghin Salatiel Serobabel,

13 Agus ghin Serobabel Abiud, agus ghin Abiud Eliacim, agus ghin Eliacim Asor,

14 Agus ghin Asor Sadoc, agus ghin Sadoc Achim, agus ghin Achim Eliud,

15 Agus ghin Eliud Eleàsar, agus ghin Eleàsar Matan, agus ghin Matan Iàcob,

16 Agus ghin Iàcob Iòseph, fear Mhuire, on do rugadh Iosa, den goirear Crìosd.

17 Uime sin na ginealaichean uile o Abrahàm gu Daibhidh, is ceithir-ginealaichean-deug iad; agus o Dhaibhidh gu bruid Bhàbiloin, ceithir-ginealaichean-deug; agus o bhruid Bhàbiloin gu Crìosd, ceithir-ginealaichean-deug.

18 Agus mar seo bha breith Iosa Crìosd: oir an dèidh do cheangal-pòsaidh a bhith air a dhèanamh eadar a mhàthair Muire agus Iòseph, ro dhaibh teachd cuideachd, fhuaireadh torrach i on Spiorad Naomh.

19 Ach air do Iòseph a fear a bhith na dhuine cothromach, agus gun toil aige ball-sampaill a dhèanamh dhith, bu mhiann leis a cur uaithe os ìosal.

20 Ach aig smaoineachadh nan nithean sin dha, feuch, dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha ann am bruadar, ag ràdh, A Iòseiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort do bhean Muire a ghabhail ad ionnsaigh: oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.

21 Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean.

22 (Agus rinneadh seo uile a‑chum gun coileante an nì a thubhairt an Tighearna leis an fhàidh, ag ràdh,

23 Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

24 Agus air mosgladh do Iòseph as a chadal, rinn e mar a dh’iarr aingeal an Tighearna air, agus ghabh e da ionnsaigh a bhean:

25 Agus cha d’aithnich e i gus an do rug i a ciad-ghin mic; agus thug e Iosa mar ainm air.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan