Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chaidh e a‑mach as a sin, agus thàinig e da dhùthaich fhèin; agus lean a dheisciobail e.

2 Agus nuair a thàinig an t‑sàbaid, thòisich e air teagasg anns an t‑sionagog: agus air do mhòran a chluinntinn, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia as a tha na nithean seo aig an fhear seo? Agus ciod e an gliocas seo a thugadh dha, gu bheil a leithid seo de fheartan air an dèanamh le a làmhan?

3 Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann.

4 Ach thubhairt Iosa riu, Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin, agus am measg a chàirdean, agus na thaigh fhèin.

5 Agus cha robh e an comas dha mìorbhail air bith a dhèanamh an sin, saor o gun do chuir e a làmhan air beagan de mhuinntir a bha tinn, agus gun do leighis e iad.

6 Agus bha iongantas air airson am mì‑chreidimh. Agus chaidh e timcheall nam bailtean, a’ teagasg.

7 Agus ghairm e da ionnsaigh an dà‑fhear-dheug, agus thòisich e air an cur a‑mach dithis agus dithis, agus thug e dhaibh cumhachd air spioradan neòghlan;

8 Agus dh’àithn e dhaibh gun nì air bith a thoirt leo airson na slighe, ach lorg a‑mhàin; gun mhàla, gun aran, gun airgead nan sporan:

9 Ach bonn-bhrògan a bhith air an casan, agus gun dà chòta a bhith umpa.

10 Agus thubhairt e riu, Ge bè ionad air bith anns an tèid sibh a‑steach do thaigh, an sin fanaibh gus am falbh sibh as an àite sin.

11 Agus cò air bith iad nach gabh ribh, agus nach èisd ribh, air dhuibh imeachd as an àite sin, crathaibh an duslach a bhios fo ur casan mar fhianais nan aghaidh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom agus do Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na don bhaile sin.

12 Agus chaidh iad a‑mach, agus shearmonaich iad gun dèanadh daoine aithreachas.

13 Agus thilg iad a‑mach mòran dheamhan, agus dh’ung iad le ola mòran a bha tinn, agus leighis iad iad.

14 Agus chuala Herod an rìgh uime, oir chaidh ainm am follais; agus thubhairt e, Tha Eòin Baistidh air èirigh o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.

15 Thubhairt cuid eile, Gur e Elias a tha ann. Agus thubhairt cuid eile, Gur fàidh a tha ann, no mar aon de na fàidhean.

16 Ach nuair a chuala Herod seo, thubhairt e, Is e Eòin, den do chuir mise an ceann, a tha ann; dh’èirich e o na mairbh.

17 Oir chuir Herod fhèin a‑mach agus ghlac e Eòin, agus cheangail e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean-phòsda Philip, a bhràthair fhèin, do bhrìgh gun do phòs e i.

18 Oir thubhairt Eòin ri Herod, Chan eil e ceadaichte dhut bean do bhràthar a bhith agad.

19 Uime sin bha diomb mòr aig Heròdias ris, agus bu mhiann leatha a chur gu bàs; ach cha b’urrainn i.

20 Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach.

21 Agus air teachd do là iomchaidh, rinn Herod, air co‑ainm an là anns an do rugadh e, suipear da uaislean agus da àrd-cheannardan, agus do mhaithean Ghalile:

22 Agus nuair a chaidh nighean Heròdiais seo a‑steach, agus a rinn i dannsa, thaitinn i ri Herod agus riùsan a shuidh maille ris, agus thubhairt an rìgh ris a’ chailinn, Iarr ormsa ge bè nì as àill leat, agus bheir mi dhut e.

23 Agus thug e mionnan dhi, Ge bè nì a dh’iarras tu orm, bheir mi dhut e, gu leth mo rìoghachd.

24 Agus nuair a chaidh i a‑mach thubhairt i ra màthair, Ciod a dh’iarras mi? Agus thubhairt ise, Ceann Eòin Baistidh.

25 Agus chaidh i air ball le cabhaig a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’iarr i, ag ràdh, Is àill leam gun tugadh tu dhomh gun dàil ceann Eòin Baistidh air mèis.

26 Agus bha an rìgh ro‑dhuilich; gidheadh airson a mhionnan, agus an dream a bha nan suidhe maille ris, cha robh toil aige a diùltadh.

27 Agus air ball, chuir an rìgh a‑mach fear-millidh, agus dh’àithn e a cheann a thoirt a‑steach: agus dh’imich esan agus thug e an ceann dheth anns a’ phrìosan;

28 Agus thug e a cheann leis air mèis, agus thug e don chailinn e: agus thug a’ chailinn da màthair e.

29 Agus nuair a chuala a dheisciobail sin, thàinig iad agus thog iad a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e.

30 Agus chruinnicheadh na h‑abstoil a‑chum Iosa, agus dh’innis iad dha na h‑uile nithean, araon gach nì a rinn iad, agus gach nì a theagaisg iad.

31 Agus thubhairt e riu, Thigibh-se air leth do àit uaigneach, agus gabhaibh fois car tamaill bhig. Oir bha mòran a’ teachd agus a’ dol, agus cha robh ùine aca uiread is biadh ithe.

32 Agus chaidh iad gu àite fàsail ann an luing air leth.

33 Agus chunnaic an sluagh iadsan a’ falbh, agus dh’aithnich mòran e, agus ruith iad dan cois as na bailtean uile an sin, agus bha iad romhpa, agus chruinnicheadh iad da ionnsaigh.

34 Agus nuair a chaidh Iosa a‑mach, chunnaic e sluagh mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, a chionn gu robh iad mar chaoraich gun bhuachaille aca: agus thòisich e air mòran de nithean a theagasg dhaibh.

35 Agus nuair a bha a‑nis mòran den là air dol seachad, thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Tha an t‑àite seo fàs, agus tha a‑nis mòran den là air dol thairis:

36 Leig air falbh iad, a‑chum gun tèid iad don tìr mun cuairt agus do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin: oir chan eil nì air bith aca ra ithe.

37 Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thugaibh-se dhaibh ra ithe. Agus thubhairt iadsan ris, An tèid sinn agus an ceannaich sinn luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun tugamaid dhaibh nì ra ithe?

38 Ach thubhairt esan riu, Cia lìon buileann a tha agaibh? Rachaibh agus faicibh. Agus air faotainn fios dhaibh, thubhairt iad, Còig, agus dà iasg.

39 Agus dh’àithn e dhaibh a thoirt orra uile suidhe sìos nan cuideachdan air an fheur uaine.

40 Agus shuidh iad sìos nam buidhnean fa leth, nan ceudan agus nan lethcheudan.

41 Agus air dha na còig buileannan agus an dà iasg a ghabhail, agus amharc suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e na buileannan, agus thug e da dheisciobail iad, a‑chum gun cuireadh iad romhpa iad; agus roinn e an dà iasg orra uile.

42 Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad.

43 Agus thog iad dà‑chliabh-dheug làn den bhiadh bhriste, agus de na h‑èisg.

44 Agus b’iad an dream a dh’ith de na buileannan còig mìle fear.

45 Agus air ball cho-èignich e a dheisciobail gu dol anns an luing, agus dol roimhe a dh’ionnsaigh an taoibh thall gu Betsaida, gus an cuireadh e an sluagh air falbh.

46 Agus nuair a chuir e air falbh iad, chaidh e gu beinn a dhèanamh ùrnaigh.

47 Agus nuair a bha an t‑anmoch ann, bha an long ann am meadhon na mara, agus esan na aonar air tìr.

48 Agus chunnaic e iadsan air am pianadh ag iomramh; oir bha a’ ghaoth nan aghaidh; agus thàinig e dan ionnsaigh mu thimcheall na ceathramh faire den oidhche, ag imeachd air a’ mhuir, agus b’àill leis dol seachad orra.

49 Ach nuair a chunnaic iadsan e ag imeachd air a’ mhuir, shaoil iad gum bu tannasg a bha ann; agus ghlaodh iad.

50 (Oir chunnaic iad uile e, agus bha iad fo bhuaireas.) Agus air ball labhair e riu, agus thubhairt e riu, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.

51 Agus chaidh e suas dan ionnsaigh don luing; agus laigh a’ ghaoth: agus bha uamhas mòr thar tomhas orra, agus ghabh iad iongantas.

52 Oir cha tug iad fa‑near mìorbhail nam buileannan; oir bha an cridhe air a chruadhachadh.

53 Agus nuair a chaidh iad thairis, thàinig iad gu talamh Ghenesaret, agus tharraing iad gu tìr.

54 Agus nuair a thàinig iad a‑mach as an luing, air ball dh’aithnich iad e.

55 Agus ruith iad air feadh na tìre sin uile mun cuairt, agus thòisich iad air an dream a bha tinn a ghiùlan mun cuairt air leapaichean, ge bè àite anns an cuala iad esan a bhith.

56 Agus ge bè air bith bailtean, no cathraichean, no dùthaich don deachaidh e a‑steach, chuir iad na daoine tinn air na sràidean, agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn a‑mhàin ri iomall a aodaich: agus a mheud is a bhean ris, lèighseadh iad.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan