Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàinig iad gu taobh eile na mara, gu dùthaich nan Gadarèneach.

2 Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean-adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan,

3 Aig an robh a chòmhnaidh anns na h‑àitean-adhlaic; agus cha b’urrainn neach air bith a cheangal, eadhon le slabhraidhean:

4 Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion-bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.

5 Agus bha e a‑ghnàth, a là agus a dh’oidhche, anns na beanntan, agus anns na h‑ionadan-adhlaic, a’ glaodhaich agus ga ghearradh fhèin le clachan.

6 Ach nuair a chunnaic e Iosa fada uaithe, ruith e agus shleuchd e dha,

7 Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.

8 (Oir thubhairt e ris, Thig a‑mach as an duine, a spioraid neòghlain.)

9 Agus dh’fheòraich e dheth, Ciod as ainm dhut? Agus fhreagair esan, ag ràdh, Lègion as ainm dhomh, oir tha sinn mòran ann.

10 Agus ghuidh e gu ro‑gheur air, gun e gan cur a‑mach as an dùthaich sin.

11 Agus bha treud mòr mhuc an sin, ag ionaltradh am fagas don bheinn.

12 Agus ghuidh na deamhain uile air, ag ràdh, Cuir sinne a dh’ionnsaigh nam muc, a‑chum gun rachamaid a‑steach annta.

13 Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge.

14 Agus theich iadsan a bha ag ionaltradh nam muc, agus dh’innis iad sin, araon anns a’ bhaile, agus anns an tìr. Agus chaidh iad a‑mach a dh’fhaicinn ciod e an nì ud a thachair.

15 Agus thàinig iad a‑chum Iosa, agus chunnaic iad an tì anns an robh an deamhan, agus aig an robh an lègion, na shuidhe, agus a aodach uime, agus a chiall aige; agus ghabh iad eagal.

16 Agus dh’innis iadsan a chunnaic e dhaibh, cionnas a thachair don tì anns an robh an deamhan, agus mu thimcheall nam muc.

17 Agus thòisich iad ri guidhe air imeachd a‑mach as an crìochan.

18 Agus air dha dol a‑steach anns an luing, ghuidh an tì anns an robh an deamhan air gum faodadh e a bhith maille ris.

19 Gidheadh cha do leig Iosa leis, ach thubhairt e ris, Imich dhachaidh a dh’ionnsaigh do mhuinntir, agus innis dhaibh meud nan nithean a rinn an Tighearna dhut, agus gun do rinn e tròcair ort.

20 Agus dh’imich esan, agus thòisich e ri chur an cèill ann an Decapolis meud nan nithean a rinn Iosa dha: agus ghabh iad iongantas uile.

21 Agus nuair a chaidh Iosa a‑rìs thairis anns an luing gus an taobh eile, chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh; agus bha e làimh ris a’ mhuir.

22 Agus, feuch, thàinig aon de uachdarain nan sionagog, dom b’ainm Iàirus; agus nuair a chunnaic e esan, leig e e fhèin sìos aig a chasan,

23 Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad-bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.

24 Agus dh’imich Iosa maille ris; agus lean sluagh mòr e, agus dhòmhlaich iad e.

25 Agus bha bean àraidh an sin, air an robh dòrtadh fala rè dà‑bhliadhna-dheug.

26 Agus dh’fhulaing i mòran o iomadh lèigh, agus chaith i na bha aice, agus cha b’fheàirrd i a’ bheag e, ach gum bu mhisde;

27 Nuair a chuala i iomradh air Iosa, thàinig i am measg an t‑sluaigh o chùlaibh, agus bhean i ra aodach:

28 Oir thubhairt i, Ma dh’fhaodas mi beantainn ach ra aodach, slànaichear mi.

29 Agus air ball thiormaicheadh tobar a fala; agus dh’aithnich i air a corp fhèin gun do lèighseadh i on phlàigh sin.

30 Agus dh’aithnich Iosa air ball ann fhèin gun deachaidh cumhachd a‑mach as, agus air dha tionndadh anns an t‑sluagh, thubhairt e, Cò a bhean rim aodach?

31 Agus thubhairt a dheisciobail ris, Tha thu a’ faicinn gu bheil an sluagh gad dhòmhlachadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?

32 Agus dh’amhairc e mun cuairt ga faicinn-se a rinn seo.

33 Ach air don mhnaoi a bhith fo eagal agus air chrith, air aithneachadh an nì a rinneadh innte, thàinig i, agus leig i i fhèin sìos na làthair, agus dh’innis i an fhìrinn uile dha.

34 Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh.

35 Am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig dream o thaigh uachdaran an t‑sionagoig, ag ràdh, Fhuair do nighean bàs; carson a chuireadh tu tuilleadh dragh air a’ Mhaighistir?

36 Cho luath is a chuala Iosa an còmhradh seo a labhradh, thubhairt e ri uachdaran an t‑sionagoig, Na biodh eagal ort, a‑mhàin creid.

37 Agus cha d’fhuiling e do neach air bith a leantainn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eòin bràthair Sheumais.

38 Agus thàinig e gu taigh uachdaran an t‑sionagoig, agus chunnaic e an iomairt agus iadsan a bha a’ gul, agus a’ caoineadh gu mòr.

39 Agus nuair a thàinig e a‑steach, thubhairt e riu, Carson a tha sibh ris an iomairt seo, agus ri bròn? Chan eil an nìonag marbh, ach na cadal.

40 Agus rinn iadsan gàire fanaid ris: ach air dhàsan an cur uile a‑mach, thug e leis athair agus màthair na nighinn, agus iadsan a bha maille ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an nìonag na laighe.

41 Agus rug e air an nìonaig air làimh, agus thubhairt e rithe, Talitha-cumi; is e sin, air eadar-mhìneachadh, A chailinn (tha mise ag ràdh riut), èirich.

42 Agus air ball dh’èirich an nìonag agus dh’imich i; oir bha i dà‑bhliadhna-dheug a dh’aois: agus ghabh iad iongantas anabarrach.

43 Agus thug e òrdagh teann dhaibh nach faigheadh duine air bith fios air a seo; agus dh’àithn e càil-eigin a thoirt dhi ri ithe.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan