Marcus 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chaidh e a‑rìs a‑steach don t‑sionagog; agus bha an sin duine aig an robh làmh sheargte. 2 Agus rinn iad faire air, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis-dhìtidh aca na aghaidh. 3 Agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich anns a’ mheadhon. 4 Agus thubhairt e riu, A bheil e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid, no olc; anam a thèarnadh, no a sgrios? Ach dh’fhan iadsan nan tosd. 5 Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile. 6 Agus chaidh na Pharasaich a‑mach, agus ghabh iad comhairle air ball maille ri luchd-leanmhainn Heroid na aghaidh-san, cionnas a dh’fhaodadh iad a sgrios. 7 Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile, agus o Iudèa. 8 Agus o Ierusalem, agus o Idumèa, agus o thaobh thall Iòrdain, agus iadsan a bha timcheall Thìruis agus Shìdoin, thàinig cuideachd mhòr dhiubh da ionnsaigh, nuair a chuala iad cho mòr is a bha na nithean a rinn e. 9 Agus thubhairt e ra dheisciobail long bheag a bhith a’ feitheamh air, airson an t‑sluaigh, a‑chum nach dòmhlaicheadh iad e: 10 Oir leighis e mòran; ionnas gun do dhlùth-theann iad ris, a mheud is air an robh plàighean, a‑chum gum beanadh iad ris. 11 Agus na spioradan neòghlan, nuair a chunnaic iad e, shleuchd iad dha, agus ghlaodh iad, ag ràdh, Is tusa Mac Dhè. 12 Agus thug e sparradh teann dhaibh nach dèanadh iad aithnichte e. 13 Agus chaidh e suas gu beinn, agus ghairm e iadsan a b’àill leis: agus thàinig iad da ionnsaigh. 14 Agus dh’òrdaich e dà‑fhear-dheug, a‑chum gum biodh iad maille ris, agus gun cuireadh e a‑mach iad a shearmonachadh; 15 Agus gum biodh aca cumhachd a leigheas easlainte, agus a thilgeadh a‑mach dheamhan. 16 Agus air Sìmon thug e Peadar mar cho-ainm; 17 Agus Seumas mac Shebede, agus Eòin bràthair Sheumais (agus orra-san thug e Boanerges mar cho-ainm, is e sin ri ràdh, Clann na tàirneanaich), 18 Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus, agus Sìmon an Canàanach, 19 Agus Iùdas Iscariot, an neach sin a bhrath e: agus chaidh iad do thaigh. 20 Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe. 21 Agus nuair a chuala a chàirdean seo, thàinig iad a‑mach a bhreith air, oir thubhairt iad, Tha e air mhì-chèill. 22 Agus thubhairt na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem, Tha Beelsebub aige, agus is ann tro phrionnsa nan deamhan a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan. 23 Agus ghairm e iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu ann an cosamhlachdan, Cionnas a dh’fhaodas Sàtan Sàtan a thilgeadh a‑mach? 24 Agus ma bhios rìoghachd roinnte na h‑aghaidh fhèin, chan urrainn an rìoghachd sin seasamh. 25 Agus ma bhios taigh air a roinn na aghaidh fhèin, chan urrainn an taigh sin seasamh. 26 Agus ma dh’èireas Sàtan na aghaidh fhèin agus gum bi e roinnte, chan urrainn e seasamh, ach tha crìoch air. 27 Chan urrainn neach air bith dol a‑steach do thaigh duine làidir, agus a àirneis a thogail leis, mura ceangail e an duine làidir an toiseach; agus an sin creachaidh e a thaigh. 28 Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum maithear na h‑uile pheacaidhean do chloinn nan daoine, agus gach toibheum a labhras iad; 29 Ach ge bè a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e maitheanas a‑chaoidh, ach tha e an cunnart peanais shìorraidh: 30 Airson gun dubhairt iad, Tha spiorad neòghlan aige. 31 An sin thàinig a bhràithrean agus a mhàthair, agus air dhaibh seasamh a‑muigh, chuir iad fios da ionnsaigh, a’ gairm air. 32 Agus bha an sluagh nan suidhe ma thimcheall; agus thubhairt iad ris, Feuch, tha do mhàthair agus do bhràithrean a‑muigh gad iarraidh. 33 Agus fhreagair e iad, ag ràdh, Cò i mo mhàthair, no mo bhràithrean? 34 Agus sheall e mun cuairt orrasan a bha nan suidhe ma thimcheall, agus thubhairt e, Feuch mo mhàthair agus mo bhràithrean. 35 Oir ge bè neach a nì toil Dhè, is esan mo bhràthair, agus mo phiuthar, agus mo mhàthair. |