Marcus 16 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e. 2 Agus thàinig iad gu ro‑mhoch air madainn a’ chiad là den t‑seachdain a‑chum na h‑uaighe, aig èirigh na grèine. 3 Agus thubhairt iad eatorra fhèin, Cò a charaicheas dhuinn a’ chlach o dhoras na h‑uaighe? 4 Agus air dhaibh amharc, chunnaic iad gu robh a’ chlach air a h‑atharrachadh air falbh, oir bha i ro‑mhòr. 5 Agus air dhaibh dol a‑steach don àit-adhlaic, chunnaic iad òganach na shuidhe air an làimh dheis, mun robh trusgan fada geal; agus bha eagal orra. 6 Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e. 7 Ach imichibh, innsibh da dheisciobail agus do Pheadar gu bheil e a’ dol romhaibh do Ghalile: chì sibh an sin e, mar a thubhairt e ribh. 8 Agus air dol a‑mach dhaibh, theich iad on uaigh; oir bha ball-chrith agus uamhann orra: agus cha dubhairt iad nì sam bith ri neach air bith; oir bha eagal orra. 9 Agus air èirigh do Iosa anns a’ mhadainn air a’ chiad là den t‑seachdain, nochdadh e air tùs do Mhuire Magdalen, as an do thilg e seachd deamhain. 10 Agus air imeachd dhise, dh’innis i sin dhaibhsan a bha maille ris, agus iad ri bròn agus gul. 11 Agus iadsan, nuair a chuala iad gu robh e beò, agus gum facadh leatha-se e, cha do chreid iad. 12 Na dhèidh sin, nochdadh e do dhithis dhiubh ann an cruth eile, ag imeachd dhaibh, agus iad a’ dol don dùthaich. 13 Agus dh’imich iadsan agus dh’innis iad e do chàch: agus cha mhò a chreid iad iadsan. 14 An dèidh sin nochdadh e don aon-fhear-deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas-cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh. 15 Agus thubhairt e riu, Imichibh air feadh an t‑saoghail uile, agus searmonaichibh an soisgeul do gach dùil. 16 Ge bè a chreideas agus a bhaistear, saorar e, ach ge bè nach creid, dìtear e. 17 Agus leanaidh na comharraidhean seo an dream a chreideas: Ann am ainm-sa tilgidh iad a‑mach deamhain; labhraidh iad le teangan nuadha; 18 Togaidh iad nathraichean nimhe; agus ma dh’òlas iad nì air bith marbhtach, cha chiùrr e iad; cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, agus bidh iad gu math. 19 Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas-làimh Dhè. 20 Agus air dhaibhsan dol a‑mach, shearmonaich iad anns gach àit, air a bhith don Tighearna a’ co‑obrachadh leo, agus a’ daingneachadh an fhacail leis na comharraidhean a lean e. Amen. |