Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Marcus 12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad-bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.

2 Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gum faigheadh e de thoradh an fhìonlios on tuath.

3 Ach air dhaibhsan a ghlacadh, bhuail iad e, agus chuir iad uapa falamh e.

4 Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile dan ionnsaigh: agus chlach iad e, agus reub iad a cheann, agus chuir iad uapa e le eas-urram.

5 Agus a‑rìs chuir e neach eile dan ionnsaigh; agus esan mharbh iad: agus mòran eile, a’ bualadh cuid dhiubh, agus a’ marbhadh cuid eile.

6 Fhathast uime sin, air dha aon mhac a bhith aige, a b’ionmhainn leis, chuir e esan mar an ceudna fa‑dheòidh dan ionnsaigh, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac.

7 Ach thubhairt an tuath sin nam measg fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus bidh an oighreachd againn fhèin.

8 Agus rug iad air, agus mharbh iad e, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e.

9 Ciod e uime sin a nì tighearna an fhìonlios? Thig e agus sgriosaidh e an tuath sin, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile.

10 Nach do leugh sibh an sgriobtar seo? A’ chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann na h‑oisinn dhith.

11 Rinneadh seo leis an Tighearna, agus is iongantach e nar sùilean-ne.

12 Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa.

13 Agus chuir iad da ionnsaigh dream àraidh de na Pharasaich, agus de luchd-leanmhainn Heroid, a‑chum gun glacadh iad e na chainnt.

14 Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i?

15 Ach air dhàsan an cealg a thuigsinn, thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh? Thugaibh pèighinn am ionnsaigh, a‑chum gum faic mi i.

16 Agus thug iad da ionnsaigh i. Agus thubhairt e riu, Cò dom buin an ìomhaigh seo, agus an sgrìobhadh seo? Agus thubhairt iadsan ris, Do Chèasar.

17 Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Thugaibh do Chèasar na nithean as le Cèasar, agus do Dhia na nithean as le Dia. Agus ghabh iad iongantas ris.

18 An sin thàinig na Sadusaich da ionnsaigh, a tha ag ràdh nach eil aiseirigh ann; agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh,

19 A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinne, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus gum fàgadh e bean, agus nach fàgadh e clann, gun gabhadh a bhràthair a bhean da ionnsaigh, agus gun togadh e sliochd da bhràthair.

20 A‑nis bha seachdnar bhràithrean ann: agus ghabh an ciad fhear dhiubh bean, agus nuair a dh’eug e, cha d’fhàg e sliochd.

21 Agus ghabh an dara fear i, agus fhuair esan bàs, agus cha mhò a dh’fhàg esan sliochd: agus an treas fear mar an ceudna.

22 Agus ghabh an t‑seachdnar i, agus cha d’fhàg iad sliochd: nan dèidh uile, chaochail a’ bhean mar an ceudna.

23 Anns an aiseirigh uime sin, nuair a dh’èireas iad, cò dhiubh dom bean i? Oir bha i aig an t‑seachdnar na mnaoi.

24 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Nach eil sibh uime sin ann am mearachd, do bhrìgh nach eil eòlas agaibh air na sgriobtairean no air cumhachd Dhè?

25 Oir nuair a dh’èireas iad o na mairbh, cha phòs iad, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar na h‑ainglean a tha air nèamh.

26 Ach mu thimcheall nam marbh, gun èirich iad, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, cionnas a labhair Dia ris anns a’ phreas, ag ràdh, Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib?

27 Chan e Dia nam marbh e, ach Dia nam beò: tha sibhse uime sin ann am mearachd mòr.

28 Agus thàinig neach de na sgrìobhaichean, agus nuair a chuala e iadsan a’ deasbaireachd ri chèile, agus a thuig e gun do fhreagair e gu math iad, chuir e ceist air, Cia i a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile?

29 Agus fhreagair Iosa e, Is i seo a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile. Èisd, O Israeil, an Tighearna ar Dia-ne is aon Tighearna e;

30 Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn, agus led uile neart: is i seo a’ chiad àithne:

31 Agus is cosmhail an dara àithne rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: chan eil àithne eile ann as mò na iad seo.

32 Agus thubhairt an sgrìobhaiche ris, Is math gu fìrinneach, a Mhaighistir, a thubhairt thu: oir tha aon Dia ann, agus chan eil atharrach ann ach e fhèin.

33 Agus esan a ghràdhachadh leis an uile chridhe, agus leis an uile thuigse, agus leis an uile anam, agus leis an uile neart, agus neach a ghràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, is mò sin na na h‑uile làn ìobairtean-loisgte agus thabhartas.

34 Agus nuair a chunnaic Iosa gun do fhreagair e gu tuigseach, thubhairt e ris, Chan eil thu fada o rìoghachd Dhè. Agus cha robh de mhisnich aig neach air bith o sin suas ceist a chur air.

35 Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, a’ teagasg anns an teampall, Cionnas a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur e Crìosd mac Dhaibhidh?

36 Oir thubhairt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna-sa, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

37 Air an adhbhar sin, tha Daibhidh fhèin a’ gairm a Thighearna dheth; cionnas mas eadh is e a mhac e? Agus dh’èisd am mòr-shluagh ris gu taitneach.

38 Agus thubhairt e riu na theagasg, Bithibh air ur faicill o na sgrìobhaichean, leis an ionmhainn imeachd ann an culaidhean fada agus fàilte fhaotainn air na margaidhean;

39 Agus na ciad chathraichean anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan-suidhe aig na fèillean;

40 A dh’itheas suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò.

41 Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite-coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann.

42 Agus air teachd do bhantraich bhochd, thilg i dà bhonn bheag ann, a nì feòirling.

43 Agus air dha a dheisciobail a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo tuilleadh anns an ionmhas na iadsan uile a thilg ann.

44 Oir thilg iadsan uile ann dem mòr-phailteas; ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h‑iomlan.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan