Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lùcas 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a‑mach o Chèasar Augustus an domhan uile a mheas.

2 (Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria.)

3 Agus chaidh iad uile a‑chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin.

4 Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh,

5 A‑chum gum biodh e air a mheas maille ri Muire a bha fo cheangal-pòsaidh dha, agus i mòr-thorrach.

6 Agus thàrladh, am feadh a bha iad an sin, gun do choileanadh làithean a h‑inbhe, a‑chum i a bhith air a h‑aisead.

7 Agus rug i a ciad-ghin mic, agus phaisg i e ann am brat-spèilidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e; do bhrìgh nach robh àit aca anns an taigh-òsda.

8 Agus bha anns an dùthaich sin buachaillean a’ fantainn a‑muigh, agus a’ dèanamh faire-oidhche air an treud.

9 Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna orra, agus dhealraich glòir an Tighearna mun timcheall; agus ghabh iad eagal mòr.

10 Agus thubhairt an t‑aingeal riu, Na biodh eagal oirbh: oir feuch, tha mi ag innse dhuibh deagh sgeul mòr-aoibhneis, a bhios don uile shluagh:

11 Oir rugadh dhuibh an‑diugh Slànaighear, ann am baile Dhaibhidh, neach as e Crìosd an Tighearna.

12 Agus bidh seo na chomharradh dhuibh: Gheibh sibh an naoidhean paisgte ann am brat-spèilidh, na laighe ann am prasaich.

13 Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a’ moladh Dhè, agus ag ràdh,

14 Glòir do Dhia anns na h‑àrdan, agus air talamh sìth, deagh-ghean do dhaoine.

15 Agus thàrladh, nuair a dh’fhalbh na h‑aingil uapa do nèamh, gun dubhairt na buachaillean ri chèile, Rachamaid a‑nis eadhon do Bhetlehem, agus faiceamaid an nì seo a rinneadh, a dh’fhoillsich an Tighearna dhuinn.

16 Agus thàinig iad gu grad, agus fhuair iad Muire agus Iòseph, agus an leanabh na laighe anns a’ phrasaich.

17 Agus nuair a chunnaic iad sin, dh’aithris iad an nì a dh’innseadh dhaibh mu thimcheall an leinibh seo.

18 Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh’innseadh dhaibh leis na buachaillean.

19 Ach ghlèidh Muire na nithean sin uile, a’ beachd-smaoineachadh orra na cridhe.

20 Agus thill na buachaillean, a’ tabhairt glòire agus molaidh do Dhia airson nan nithean sin uile a chuala agus a chunnaic iad, a rèir mar a labhradh riu.

21 Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall-ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e.

22 Agus nuair a choileanadh làithean a glanaidh, a rèir lagh Mhaois, thug iad esan gu Ierusalem, a‑chum a thaisbeanadh don Tighearna;

23 (Mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, Gach ciad-ghin mic a dh’fhosglas a’ bhrù, gairmear naomh don Tighearna e;)

24 Agus a thoirt ìobairt a rèir mar a theirear ann an lagh an Tighearna, dà thurtar no dà chalaman òg.

25 Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air.

26 Agus dh’fhoillsicheadh dha leis an Spiorad Naomh nach faiceadh e bàs gus am faiceadh e Crìosd an Tighearna.

27 Agus thàinig e le treòrachadh an Spioraid don teampall. Agus nuair a thug na pàrantan an leanabh Iosa a‑steach, a‑chum gun dèanadh iad air a shon a rèir gnàthachadh an lagha,

28 An sin ghlac esan na uchd e, agus bheannaich e Dia, agus thubhairt e:

29 A‑nis, a Thighearna, tha thu a’ leigeadh dod sheirbhiseach siubhal ann an sìth, a rèir d’fhacail;

30 Oir chunnaic mo shùilean do shlàinte,

31 A dh’ullaich thu ro ghnùis nan uile shluagh:

32 Solas a shoillseachadh nan Cinneach, agus glòir do phobaill Israel.

33 Agus ghabh Iòseph agus a mhàthair iongantas mu na nithean a labhradh uime.

34 Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:

35 Agus thèid claidheamh tro d’anam-sa fhèin a‑chum gum foillsichear smuaintean cridheachan mhòran.

36 Agus bha Anna, ban-fhàidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir; bha i ro‑aosmhor, agus chaith i seachd bliadhna maille ri a fear o àm dhi a bhith na h‑òighe:

37 Agus bu bhantrach i mu thimcheall ceithir bliadhna agus ceithir-fichead a dh’aois nach deachaidh on teampall, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche le trasg agus le ùrnaigh.

38 Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem.

39 Agus nuair a choilean iad na h‑uile nithean a rèir lagh an Tighearna, thill iad do Ghalile, dam baile fhèin Nàsaret.

40 Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, air a lìonadh le gliocas: agus bha gràs Dhè air.

41 Agus chaidh a phàrantan gach bliadhna gu Ierusalem, aig fèill na càisge.

42 Agus nuair a bha e dà‑bhliadhna-dheug a dh’aois, chaidh iad suas gu Ierusalem, a rèir gnàth na fèille.

43 Agus air coileanadh nan làithean sin dhaibh, nuair a thill iadsan, dh’fhan an leanabh Iosa nan dèidh ann an Ierusalem; agus cha robh fhios aig Iòseph no aig a mhàthair air a sin.

44 Ach air dhaibh a shaoilsinn gu robh e anns a’ chuideachd, dh’imich iad astar là; agus dh’iarr iad e am measg an càirdean agus an luchd-eòlais.

45 Agus nuair nach d’fhuair iad e, thill iad gu Ierusalem ga iarraidh.

46 Agus thàrladh an dèidh trì làithean gun d’fhuair iad e anns an teampall, na shuidhe am meadhon an luchd-teagaisg, araon gan èisdeachd, agus a’ cur cheist orra.

47 Agus ghabh a’ mhuinntir a chuala e uile iongantas ra thuigse agus ra fhreagraidhean.

48 Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh.

49 Agus thubhairt esan riu, Carson a bha sibh gam iarraidh? Nach robh fhios agaibh gum bu chòir dhòmhsa a bhith ann an taigh m’Athar?

50 Agus cha do thuig iadsan an nì a labhair e riu.

51 Agus chaidh e sìos maille riu, agus thàinig e gu Nàsaret, agus bha e umhail dhaibh: ach ghlèidh a mhàthair na nithean sin uile na cridhe.

52 Agus thàinig Iosa air aghaidh ann an gliocas agus am meudachd, agus ann an deagh-ghean aig Dia agus aig daoine.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan