Lùcas 15 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin thàinig na cìs-mhaoir uile agus na peacaich am fagas dha, a‑chum èisdeachd ris. 2 Agus rinn na Pharasaich agus na sgrìobhaichean gearan, ag ràdh, Tha am fear seo a’ gabhail pheacach da ionnsaigh, agus ag ithe maille riu. 3 Agus labhair esan an cosamhlachd seo riu, ag ràdh, 4 Cò an duine dhibhse aig a bheil ceud caora, ma chailleas e aon dhiubh, nach fàg an naoi-deug agus an ceithir-fichead anns an fhàsach, agus nach tèid an dèidh na caorach a chailleadh gus am faigh e i? 5 Agus air dha a faotainn, cuiridh e air a ghuaillean i le gàirdeachas. 6 Agus nuair a thig e dhachaigh, gairmidh e a chàirdean agus a choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh riu, Dèanaibh gàirdeachas maille riumsa, a chionn gun d’fhuair mi mo chaora a bha caillte. 7 Mar sin, tha mi ag ràdh ribh gum bi aoibhneas air nèamh airson aon pheacaich a nì aithreachas, nas mò na airson naoi-deug agus ceithir-fichead fìrean, aig nach eil feum air aithreachas. 8 No cò a’ bhean aig a bheil deich buinn airgid, ma chailleas i aon bhonn dhiubh, nach las coinneal, agus nach sguab an taigh, agus nach iarr gu dìcheallach gus am faigh i e? 9 Agus air dhi a fhaotainn, gairmidh i a bana-chàirdean agus a bana-choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas leamsa, oir fhuair mi am bonn a chaill mi. 10 Mar an ceudna tha mi ag ràdh ribh, Tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas. 11 Agus thubhairt e, Bha aig duine àraidh dithis mhac: 12 Agus thubhairt am mac a b’òige dhiubh ra athair, Athair, thoir dhòmhsa a’ chuid-roinn a thig orm ded mhaoin. Agus roinn e eatorra a bheathachadh. 13 Agus an dèidh beagan làithean, chruinnich am mac a b’òige a chuid uile, agus ghabh e a thuras do dhùthaich fad air astar, agus an sin chaith e a mhaoin le beatha straoidheasaich. 14 Agus nuair a chaith e a chuid uile, dh’èirich gort ro‑mhòr anns an tìr sin; agus thòisich e ri bhith ann an uireasbhaidh. 15 Agus chaidh e agus cheangail e e fhèin ri aon de shaor-dhaoine na dùthcha sin; agus chuir e da fhearann e, a bhiadhadh mhuc. 16 Agus bu mhiann leis a bhrù a lìonadh de na plaoisg a bha na mucan ag ithe; oir cha tug neach air bith dha. 17 Agus nuair a thàinig e da ionnsaigh fhèin, thubhairt e, Cia lìon de luchd-tuarasdail m’athar-sa aig a bheil aran gu leòr agus ra sheachnadh, nuair a tha mise a’ bàsachadh le gort? 18 Eiridh mi, agus thèid mi a dh’ionnsaigh m’athar, agus their mi ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa. 19 Agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac-sa dhìom: dèan mi mar aon ded luchd-tuarasdail. 20 Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh a athar. Ach air dha a bhith fhathast fada uaithe, chunnaic a athair e, agus ghabh e truas mòr dheth, agus ruith e, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e. 21 Agus thubhairt am mac ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh fhlaitheanais, agus ann ad làthair-sa, agus chan airidh mi tuilleadh gun goirte do mhac dhìom. 22 Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan: 23 Agus thugaibh an seo an laogh biadhte, agus marbhaibh e; agus itheamaid agus bitheamaid subhach: 24 Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; bha e caillte, agus fhuaireadh e. Agus thòisich iad air a bhith subhach. 25 A‑nis bha a mhac a bu shine a‑muigh anns an fhearann: agus nuair a thàinig e, agus a thàr e am fagas don taigh, chuala e an ceòl agus an dannsa. 26 Agus ghairm e da ionnsaigh aon de na h‑òglaich, agus dh’fhiosraich e ciod a bu chiall do na nithean sin. 27 Agus thubhairt esan ris, Thàinig do bhràthair: agus mharbh d’athair an laogh biadhte, a chionn gun d’fhuair e a‑rìs slàn fallain e. 28 Agus ghabh esan fearg, agus cha b’àill leis dol a‑steach: air an adhbhar sin thàinig a athair a‑mach, agus chuir e impidh air. 29 Ach fhreagair esan agus thubhairt e ra athair, Feuch, tha mise a’ dèanamh seirbhis dhut an uiread seo de bhliadhnachan, agus uair air bith cha do bhris mi d’àithne, gidheadh cha tug thu meann riamh dhomh, a‑chum gum bithinn subhach maille rim chàirdean. 30 Ach nuair a thàinig do mhac seo, a dh’ith suas do bheathachadh maille ri strìopaichean, mharbh thu an laogh biadhte dha. 31 Agus thubhairt e ris, A mhic, tha thusa a‑ghnàth maille rium, agus na h‑uile nithean as leamsa, is leatsa iad. 32 Bu chòir dhuinn a bhith subhach, agus aoibhneach; oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò a‑rìs; agus bha e caillte, agus fhuaireadh e. |