Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lebhiticus 9 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus air an ochdamh là ghairm Maois air Aaron agus air a mhic, agus air seanairean Israeil;

2 Agus thubhairt e ri Aaron, Gabh dhut fhèin laogh òg a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus reithe a‑chum ìobairt-loisgte, gun ghaoid, agus thoir seachad iad an làthair an Tighearna.

3 Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Gabhaibh-se meann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh; agus laogh, agus uan, le chèile den chiad bhliadhna, gun ghaoid, a-chum ìobairt-loisgte;

4 Mar an ceudna tarbh agus reithe, mar thabhartasan-sìthe, a‑chum an ìobradh an làthair an Tighearna; agus tabhartas-bìdh measgte le ola: oir an‑diugh foillsichidh an Tighearna e fhèin dhuibh.

5 Agus thug iad an nì sin a dh’àithn Maois gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus thàinig an coitheanal uile am fagas, agus sheas iad an làthair an Tighearna.

6 Agus thubhairt Maois, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh; agus foillsichear glòir an Tighearna dhuibh.

7 Agus thubhairt Maois ri Aaron, Imich a dh’ionnsaigh na h‑altarach, agus ìobair d’ìobairt-pheacaidh, agus d’ìobairt-loisgte, agus dèan rèite air do shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh: agus thoir suas tabhartas an t‑sluaigh, agus dèan rèite air an son, mar a dh’àithn an Tighearna.

8 Chaidh Aaron uime sin a dh’ionnsaigh na h‑altarach, agus mharbh e laogh na h‑ìobairt-pheacaidh a bha air a shon fhèin.

9 Agus thug mic Aaroin an fhuil da ionnsaigh; agus thum e a mheur anns an fhuil, agus chuir e air adhaircean na h‑altarach i, agus dhòirt e a‑mach an fhuil aig bun na h‑altarach.

10 Ach an t‑saill agus na h‑àirnean, agus an sgairt os cionn àinean na h‑ìobairt-pheacaidh, loisg e air an altair, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

11 Agus an fheòil agus an t‑seiche loisg e le teine, an taobh a‑muigh den champ.

12 Agus mharbh e an ìobairt-loisgte; agus thug mic Aaroin an fhuil da ionnsaigh, agus chrath e i air an altair mun cuairt.

13 Agus thug iad an ìobairt-loisgte da ionnsaigh, maille ra mìrean, agus an ceann; agus loisg e iad air an altair.

14 Agus nigh e am mionach agus na casan, agus loisg e iad air an ìobairt-loisgte air an altair.

15 Agus thug e leis tabhartas an t‑sluaigh, agus ghabh e meann na h‑ìobairt-pheacaidh a bha airson an t‑sluaigh, agus mharbh e e, agus thug e suas e airson peacaidh, mar a’ chiad ìobairt.

16 Agus thug e leis an ìobairt-loisgte, agus dh’ìobair e i a rèir a’ ghnàtha.

17 Agus thug e leis an tabhartas-bìdh, agus lìon e a dhòrn as, agus loisg e air an altair e, a thuilleadh air ìobairt-loisgte na maidne.

18 Mharbh e mar an ceudna an tarbh, agus an reithe, mar ìobairt nan tabhartas-sìthe, a bha airson an t‑sluaigh; agus thug mic Aaroin da ionnsaigh an fhuil, agus chrath e i air an altair mun cuairt.

19 Agus saill an tairbh, agus earball an reithe, agus an nì sin a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus na h‑àirnean, agus an sgairt os cionn nan àinean.

20 Agus chuir iad an t‑saill air na h‑uchdan, agus loisg e an t‑saill air an altair.

21 Agus na h‑uchdan agus an slinnean deas luaisg Aaron mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn Maois.

22 Agus thog Aaron suas a làmhan a‑chum an t‑sluaigh, agus bheannaich e iad: agus thàinig e a‑nuas o ìobradh na h‑ìobairt-pheacaidh, agus na h‑ìobairt-loisgte, agus nan ìobairtean-sìthe.

23 Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach do phàillean a’ choitheanail, agus thàinig iad a‑mach, agus bheannaich iad an sluagh: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna don t‑sluagh uile.

24 Agus thàinig teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e air an altair an ìobairt-loisgte, agus an t‑saill: agus chunnaic an sluagh uile e, agus rinn iad iolach, agus thuit iad air an aghaidh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan