Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Lebhiticus 8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

2 Thoir leat Aaron agus a mhic maille ris, agus an trusgan naomh, agus an ola-ungaidh, agus tarbh mar an ìobairt-pheacaidh, agus dà reithe, agus basgaid de aran neo-ghortaichte.

3 Agus cruinnich an coitheanal uile an ceann a chèile gu doras pàillean a’ choitheanail.

4 Agus rinn Maois mar a dh’àithn an Tighearna dha; agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile gu doras pàillean a’ choitheanail.

5 Agus thubhairt Maois ris a’ choitheanal, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna a dhèanamh.

6 Agus thug Maois Aaron agus a mhic leis, agus dh’ionnlaid e iad le uisge.

7 Agus chuir e air an còta, agus chrioslaich e e leis a’ chrios, agus dh’aodaich e e leis an fhallaing, agus chuir e an èphod air, agus chrioslaich e e le crios rìomhach na h‑èphoid, agus cheangail e ris i leis.

8 Agus chuir e an t‑uchd-èideadh air; agus chuir e anns an uchd-èideadh an Urim agus an Tumim.

9 Agus chuir e an crùn-sagairt air a cheann; mar an ceudna air a’ chrùn-shagairt, eadhon air a’ chuid-bheòil dheth, chuir e an leac òir, an crùn naomh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

10 Agus ghabh Maois an ola-ungaidh, agus dh’ung e am pàillean, agus gach nì a bha ann, agus naomhaich e iad.

11 Agus chrath e cuid dhith air an altair seachd uairean, agus dh’ung e an altair, agus a soithichean uile, araon an soitheach-ionnlaid agus a chas, a‑chum an naomhachadh.

12 Agus dhòirt e den ola-ungaidh air ceann Aaroin, agus dh’ung e e, a‑chum a naomhachadh.

13 Agus thug Maois mic Aaroin leis, agus chuir e còtaichean orra, agus chrioslaich e iad le criosan, agus chuir e bonaidean orra, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

14 Agus thug e leis an tarbh airson na h‑ìobairt-pheacaidh, agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh airson na h‑ìobairt-pheacaidh.

15 Agus mharbh e e; agus ghabh Maois an fhuil, agus chuir e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt le a mheur, agus ghlan e an altair; agus dhòirt e an fhuil aig bun na h‑altarach, agus naomhaich e i, a dhèanamh rèite oirre.

16 Agus ghabh e an ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an sgairt os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an ìgh; agus loisg Maois iad air an altair.

17 Ach an tarbh agus a sheiche, agus a fheòil, agus a aolach, loisg e le teine an taobh a‑muigh den champ, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

18 Agus thug e leis an reithe airson na h‑ìobairt-loisgte: agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.

19 Agus mharbh e e; agus chrath Maois an fhuil air an altair mun cuairt.

20 Agus gheàrr e an reithe na mhìrean; agus loisg Maois an ceann, agus na mìrean, agus an t‑saill.

21 Agus nigh e am mionach agus na casan ann an uisge; agus loisg Maois an reithe uile air an altair: b’ìobairt-loisgte e, a‑chum fàile chùbhraidh: tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

22 Agus thug e leis an reithe eile, reithe a’ choisrigidh: agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.

23 Agus mharbh e e; agus ghabh Maois cuid de a fhuil, agus chuir e i air bàrr cluas dheas Aaroin, agus air òrdaig a làimhe deise, agus air òrdaig a choise deise.

24 Agus thug e leis mic Aaroin, agus chuir Maois cuid den fhuil air bàrr an cluaise deise, agus air òrdaig an làimhe deise, agus air òrdaig an coise deise: agus chrath Maois an fhuil air an altair mun cuairt.

25 Agus ghabh e an t‑saill, agus an t‑earball, agus an ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an sgairt os cionn nan àinean, agus an dà àra agus an ìgh, agus an slinnean deas.

26 Agus à basgaid an arain neo-ghortaichte, a bha an làthair an Tighearna, ghabh e aon bhreacag neo-ghortaichte, agus aon bhreacag de aran le ola, agus aon deàrnagan, agus chuir e iad air an t‑saill, agus air an t‑slinnean dheas:

27 Agus chuir e an t‑iomlan air làmhan Aaroin, agus air làmhan a chuid mhac; agus luaisg e iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.

28 Agus ghabh Maois iad bhàrr an làmh, agus loisg e iad air an altair os cionn na h‑ìobairt-loisgte; bu tabhartas-coisrigidh iad a‑chum fàile chùbhraidh; tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

29 Agus ghabh Maois an t‑uchd, agus luaisg e e mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna: b’e cuibhreann Mhaois e de reithe a’ choisrigidh; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

30 Agus ghabh Maois cuid den ola-ungaidh, agus den fhuil a bha air an altair, agus chrath e air Aaron i; air a aodach, agus air a mhic, agus air aodach a mhac maille ris: agus naomhaich e Aaron, agus a aodach, agus a mhic, agus aodach a mhac maille ris.

31 Agus thubhairt Maois ri Aaron agus ra mhic, Bruithibh an fheòil aig doras pàillean a’ choitheanail, agus ann an sin ithibh i leis an aran a tha ann am basgaid a’ choisrigidh, mar a dh’àithn mise, ag ràdh, Ithidh Aaron agus a mhic i.

32 Agus an nì sin a dh’fhàgar den fheòil agus den aran, loisgidh sibh le teine.

33 Agus air doras pàillean a’ choitheanail cha tèid sibh a‑mach rè seachd làithean, gus am bi làithean ur coisrigidh air an crìochnachadh: oir rè seachd làithean coisrigidh e sibh.

34 Mar a rinn e an‑diugh, mar sin dh’àithn an Tighearna a bhith dèante, a dhèanamh rèite air ur son.

35 Uime sin, aig doras pàillean a’ choitheanail fanaidh sibh a là agus a dh’oidhche, rè seachd làithean, agus coimheadaidh sibh freasdal an Tighearna, a‑chum nach faigh sibh bàs: oir is ann mar sin a thugadh àithne dhòmhsa.

36 Agus rinn Aaron agus a mhic na h‑uile nithean a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan