Lebhiticus 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 2 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma pheacaicheas anam trìd aineolais an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna (a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh) agus gun dèan e nì an aghaidh aoin dhiubh; 3 Ma pheacaicheas an sagart a chaidh ungadh, a rèir peacadh an t‑sluaigh; an sin thugadh e airson a pheacaidh a pheacaich e, tarbh òg gun ghaoid a dh’ionnsaigh an Tighearna a‑chum ìobairt-pheacaidh. 4 Agus bheir e an tarbh gu doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna; agus cuiridh e a làmh air ceann an tairbh, agus marbhaidh e an tarbh an làthair an Tighearna. 5 Agus gabhaidh an sagart a chaidh ungadh cuid de fhuil an tairbh, agus bheir e i gu pàillean a’ choitheanail. 6 Agus tumaidh an sagart a mheur anns an fhuil, agus crathaidh e cuid den fhuil seachd uairean an làthair an Tighearna, fa chomhair roinn-bhrat an ionaid naoimh. 7 Agus cuiridh an sagart cuid den fhuil air adhaircean altair na tùise cùbhraidh ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail; agus dòirtidh e fuil an tairbh uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail. 8 Agus uile shaill tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh bheir e air falbh uaithe; an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach, 9 Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch-lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean bheir e air falbh i, 10 Mar a thugadh air falbh i o tharbh ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart iad air altair na h‑ìobairt-loisgte. 11 Agus seiche an tairbh, agus a fheòil uile, maille ra cheann, agus maille ra chasan, agus a mhionach, agus a ghaorr, 12 Eadhon an tarbh gu h‑iomlan giùlainidh e a‑mach an taobh a‑muigh den champ gu ionad glan, far an dòirtear a‑mach an luath, agus loisgidh e air an fhiodh e le teine: far an dòirtear a‑mach an luath, loisgear e. 13 Agus ma pheacaicheas coitheanal Israeil uile trìd aineolais, agus gu bheil an nì falaichte o shùilean a’ cho-chruinneachaidh, agus gun do rinn iad nì‑eigin an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil iad ciontach; 14 Nuair a bhios am peacadh, a pheacaich iad na aghaidh, aithnichte, an sin bheir an co‑chruinneachadh seachad tarbh òg airson a’ pheacaidh, agus bheir iad e fa chomhair pàillean a’ choitheanail. 15 Agus cuiridh seanairean a’ choitheanail an làmhan air ceann an tairbh an làthair an Tighearna; agus marbhar an tarbh an làthair an Tighearna. 16 Agus bheir an sagart a chaidh ungadh cuid de fhuil an tairbh gu pàillean a’ choitheanail. 17 Agus tumaidh an sagart a mheur ann an cuid den fhuil, agus crathaidh e i seachd uairean an làthair an Tighearna fa chomhair an roinn-bhrait. 18 Agus cuiridh e cuid den fhuil air adhaircean na h‑altarach a tha ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail, agus dòirtidh e a‑mach an fhuil uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail. 19 Agus bheir e air falbh a shaill uile uaithe, agus loisgidh e i air an altair. 20 Agus nì e ris an tarbh mar a rinn e ri tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh, mar sin nì e ris: agus nì an sagart rèite air an son, agus bheirear maitheanas dhaibh. 21 Agus bheir e a‑mach an tarbh an taobh a‑muigh den champ, agus loisgidh e e mar a loisg e an ciad tarbh: is ìobairt-pheacaidh e airson a’ cho-chruinneachaidh. 22 Nuair a pheacaicheas uachdaran, agus a nì e nì‑eigin trìd aineolais an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna a Dhia, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil e ciontach: 23 Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, ga fhios, bheir e leis mar a thabhartas meann de na gobhair, beathach fireann gun ghaoid. 24 Agus cuiridh e a làmh air ceann a’ mhinn, agus marbhaidh e e anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt-loisgte an làthair an Tighearna: is ìobairt-pheacaidh e. 25 Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt-pheacaidh le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair an h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte. 26 Agus loisgidh e a saill uile air an altair, mar a loisgear saill ìobairt nan tabhartas-sìthe: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh, agus maithear dha e. 27 Agus ma pheacaicheas aon neach de shluagh na dùthcha trìd aineolais, nuair a tha e a’ dèanamh nì‑eigin an aghaidh aoin sam bith de àitheantan an Tighearna, a‑thaobh nithean nach bu chòir a dhèanamh, agus gu bheil e ciontach: 28 Ma thig a pheacadh, a pheacaich e, ga fhios, an sin bheir e leis mar a thabhartas meann de na gobhair, beathach boireann gun ghaoid, airson a pheacaidh a pheacaich e. 29 Agus cuiridh e a làmh air ceann na h‑ìobairt-pheacaidh, agus marbhaidh e an ìobairt-pheacaidh ann an ionad na h‑ìobairt-loisgte. 30 Agus gabhaidh an sagart cuid de a fuil le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair na h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil uile aig bun na h‑altarach. 31 Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear an t‑saill a ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart i air an altair, a-chum fàile chùbhraidh don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bheirear maitheanas dha. 32 Agus ma bheir e leis uan mar a thabhartas airson peacaidh, bheir e leis uan boireann gun ghaoid. 33 Agus cuiridh e a làmh air ceann an tabhartais-pheacaidh, agus marbhaidh e e mar ìobairt-pheacaidh anns an ionad anns am marbh iad an ìobairt-loisgte. 34 Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt-pheacaidh le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair na h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil uile aig bun na h‑altarach. 35 Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear air falbh saill an uain o ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart iad air an altair, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a rinn e, agus maithear dha e. |