Lebhiticus 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus ma bhios a thabhartas a‑chum ìobairt thabhartas-sìthe, mas ann den bhuar a bheir e seachad e, mas fireann no boireann e, bheir e seachad e gun ghaoid an làthair an Tighearna. 2 Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e aig doras pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin, na sagartan, an fhuil air an altair mun cuairt. 3 Agus bheir e seachad de ìobairt nan tabhartas-sìthe, tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach, 4 Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha air an loch-lèin, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i. 5 Agus loisgidh mic Aaroin e air an altair, air an ìobairt-loisgte, a tha air an fhiodh a tha air an teine: is tabhartas e a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. 6 Agus mas ann den treud a bhios a thabhartas a-chum ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, fireann no boireann, bheir e seachad e gun ghaoid. 7 Ma bheir e seachad uan mar a thabhartas, bheir e seachad e an làthair an Tighearna. 8 Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e fa chomhair pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin a fhuil air an altair mun cuairt. 9 Agus bheir e seachad cuid de ìobairt nan tabhartas-sìthe, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; a shaill agus an t‑earball uile, teann air a’ chnàimh-dhroma bheir e air falbh e; agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach, 10 Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch-lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i. 11 Agus loisgidh an sagart e air an altair; is e biadh an tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna. 12 Agus mas gobhar a bhios na thabhartas, bheir e seachad i an làthair an Tighearna. 13 Agus cuiridh e a làmh air a ceann, agus marbhaidh e i fa chomhair pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin a fuil air an altair mun cuairt. 14 Agus bheir e seachad dhith a thabhartas, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach, 15 Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch-lèin, agus an sgairt os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i. 16 Agus loisgidh an sagart iad air an altair: is iad biadh an tabhartais a bheirear suas le teine, a-chum fàile chùbhraidh. An t‑saill uile is leis an Tighearna. 17 Bidh e na reachd bithbhuan dur ginealaichean air feadh ur n‑àiteachan-còmhnaidh uile, nach ith sibh saill no fuil sam bith. |