Lebhiticus 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus nuair a bheir neach air bith tabhartas-bìdh don Tighearna, bidh a thabhartas de fhlùr mìn: agus dòirtidh e ola air, agus cuiridh e tùis air: 2 Agus bheir e e gu mic Aaroin, na sagartan, agus gabhaidh e as làn a dhùirn de a fhlùr, agus de a ola, maille ra thùis uile; agus loisgidh an sagart a chuimhneachan air an altair, gu bhith na thabhartas air a thoirt suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. 3 Agus fuidheall an tabhartais-bhìdh, is le Aaron agus le a mhic e; is nì ro‑naomh e de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine. 4 Agus ma bheir thu seachad tabhartas-bìdh air a dheasachadh anns an àmhainn, is breacagan neo-ghortaichte de fhlùr mìn measgte le ola a bhios ann, no deàrnagan neo-ghortaichte, ungte le ola. 5 Agus mas tabhartas-bìdh air a dheasachadh ann an aghann a bhios ad thabhartas, bidh e de fhlùr mìn neo-ghortaichte, measgte le ola. 6 Roinnidh tu e na mhìrean, agus dòirtidh tu ola air: is tabhartas-bìdh a tha ann. 7 Agus ma bhios do thabhartas na thabhartas-bìdh on aghann-ròstaidh, nìthear e de fhlùr mìn le ola. 8 Agus bheir thu an tabhartas-bìdh, a nìthear de na nithean seo, a‑chum an Tighearna: agus nuair a thaisbeanar don t‑sagart e, bheir e e a‑chum na h‑altarach. 9 Agus gabhaidh an sagart as an tabhartas-bhìdh cuimhneachan dheth, agus loisgidh e e air an altair: is tabhartas a tha ann air a thoirt suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna. 10 Agus an nì a dh’fhàgar den tabhartas-bhìdh, is le Aaron agus le a mhic e; tha e na nì ro‑naomh de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine. 11 Cha dèanar tabhartas-bìdh sam bith, a bheir sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, le taois ghoirt; oir cha loisg sibh a’ bheag de thaois ghoirt, no de mhil, ann an tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine. 12 A‑thaobh tabhartas a’ chiad toraidh, bheir sibh seachad e don Tighearna: ach cha loisgear air an altair e a‑chum fàile chùbhraidh. 13 Agus gach tabhartas-bìdh a bheir thu leat, nì thu blasda le salann: cha mhò a leigeas tu le salann coicheangal do Dhè a bhith a dh’easbhaidh air do thabhartas-bìdh: led thabhartasan uile bheir thu seachad salann. 14 Agus ma bheir thu seachad tabhartas-bìdh ded chiad-thoradh don Tighearna, bheir thu seachad mar an tabhartas-bìdh ded chiad-thoradh, diasan glasa arbhair cruadhaichte leis an teine, eadhon sìol buailte as na diasan ùra. 15 Agus cuiridh tu ola air, agus leagaidh tu tùis air: is tabhartas-bìdh e. 16 Agus loisgidh an sagart a chuimhneachan, cuid de a arbhar buailte, agus cuid de a ola, maille ra thùis uile: is tabhartas e a bheirear suas le teine don Tighearna. |