Lebhiticus 12 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, 2 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ma dh’fhàsas bean torrach, agus gum beir i mac, an sin bidh i neòghlan seachd làithean; a rèir làithean a dealachaidh airson a h‑anfhainneachd bidh i neòghlan. 3 Agus air an ochdamh là timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn-san. 4 Agus fanaidh i an sin trì-làithean-deug ar fhichead ann am fuil a glanaidh: cha bhean i ri nì naomh sam bith, agus cha tig i a‑steach don ionad naomh, gus an coileanar làithean a glanaidh. 5 Ach ma bheireas i leanabh nighinn, an sin bidh i neòghlan dà sheachdain, mar na dealachadh: agus fanaidh i ann am fuil a glanaidh trì-fichead agus sia làithean. 6 Agus nuair a choileanar làithean a glanaidh airson mic, no airson nighinn, bheir i uan den chiad bhliadhna a‑chum ìobairt-loisgte, agus calaman òg, no eun turtair a‑chum ìobairt-pheacaidh, gu doras pàillean a’ choitheanail, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt: 7 Agus bheir e seachad e an làthair an Tighearna, agus nì e rèite air a son, agus glanar i o ruith a fala. Is e seo an lagh air a son-se a bheireas mac no nighean. 8 Agus mura urrainn i uan a thoirt leatha, an sin bheir i leatha dà thurtar, no dà chalaman òg: fear dhiubh a‑chum ìobairt-loisgte, agus am fear eile a‑chum ìobairt-pheacaidh; agus nì an sagart rèite air a son, agus bidh i glan. |