Isaiah 7 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Ann an làithean Ahais mhic Iotaim, mhic Usiah, rìgh Iùdah, chaidh Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, suas do Ierusalem, a chogadh na h‑aghaidh, ach cha b’urrainn iad buadhachadh oirre. 2 Agus dh’innseadh do thaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Siria ann an co‑bhainn ri Ephraim; agus bha a chridhe air a ghluasad, agus cridhe a shluaigh, mar a ghluaisear craobhan na coille ron ghaoith. 3 Agus thubhairt an Tighearna ri Isaiah, Rach a‑mach a‑nis an còmhdhail Ahais, thu fhèin, agus Seariasub do mhac, aig ceann sruth-chlais na linne uachdaraich, air slighe achadh an luadhadair. 4 Agus abair ris, Thoir an aire, agus bi ad thosd; na gabh eagal, agus na bi lag-chridheach, airson dà eàrr nan aithinnean smùidreach seo, airson corraich Resin agus Shiria, agus mac Remaliah. 5 Airson gun do dhealbh Siria, Ephraim, agus mac Remaliah, olc ad aghaidh, ag ràdh, 6 Rachamaid suas an aghaidh Iùdah, agus teannaicheamaid e, agus briseamaid a‑steach, agus cuireamaid rìgh suas gu rìoghachadh na mheadhon, eadhon mac Thabeail: 7 Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Cha seas e, cha mhò a thig e gu crìch. 8 Ged as e ceann Shiria Damascas, agus ceann Dhamascais Resin; gidheadh an taobh a‑staigh de chòig agus trì-fichead bliadhna, bidh Ephraim air a bhriseadh, ionnas nach bi e na chinneach: 9 Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach. 10 Agus labhair an Tighearna fhathast ri Ahas, ag ràdh, 11 Iarr dhut fhèin comharradh on Tighearna do Dhia; iarr anns an doimhne, no anns an àirde shuas. 12 Ach thubhairt Ahas, Chan iarr mi, cha mhò a bhuaireas mi an Tighearna. 13 Agus thubhairt esan, Eisdibh a‑nis, a thaigh Dhaibhidh; am beag leibh daoine a sgìtheachadh, ach an sgìthich sibh fòs mo Dhia? 14 Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air. 15 Im agus mil ithidh e, gus an tuig e an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh. 16 Oir mun aithne don leanabh an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh, fàsaichear fearann an dà rìgh leis a bheil thu air do chlaoidh. 17 Bheir an Tighearna ortsa, agus air do shluagh, agus air taigh d’athar, làithean nach robh an leithidean ann on là anns an do dhealaich Ephraim ri Iùdah; eadhon rìgh Asiria. 18 Agus tàrlaidh anns an là sin, gun gairm an Tighearna a’ chuileag a tha ann an iomall aibhnichean na h‑Eiphit, agus an seillean a tha ann an talamh Asiria: 19 Agus thig iad, agus laighidh an t‑iomlan dhiubh anns na glinn fhàsail, agus ann an còsan nan creag, agus air gach uile dhroighnich agus air gach uile phreas. 20 Anns an là sin lomaidh an Tighearna le ealtainn thuarasdail, leis an t‑sluagh air taobh thall na h‑aibhne, le rìgh Asiria, an ceann agus fionnadh nan casan; agus bearraidh i eadhon an fheusag. 21 Agus tàrlaidh anns an là sin gun àraich duine bò òg agus dà chaora: 22 Agus o phailteas a’ bhainne a bheir iad uapa, ithidh e ìm; oir ìm agus mil ithidh gach neach a dh’fhàgar anns an tìr. 23 Agus tàrlaidh anns an là sin, gach àit anns an robh mìle fìonain, air am meas air mhìle bonn airgid, gum bi e na sgitheach agus na dhroighnich. 24 Le saighdean agus leis a’ bhogha thig iad an sin; oir bidh an talamh uile na sgitheach agus na dhroighnich. 25 Agus air na h‑uile chnocan a bhios air an ruamhradh leis a’ chaibe, cha tig eagal sgithich no droighnich; ach bidh e na àirigh dhamh, agus na ionaltradh meanbh-chruidh. |