Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Anns a’ bhliadhna anns an d’fhuair rìgh Usiah bàs, chunnaic mi an Tighearna na shuidhe air cathair rìoghail, àrd agus togte suas; agus lìon iomall a thrusgain an teampall.

2 Os a chionn sheas seraphim: aig gach aon bha sia sgiathan; le dithis chòmhdaich e a aghaidh, agus le dithis chòmhdaich e a chasan, agus le dithis rinn e itealaich.

3 Agus ghlaodh iad, gach aon ri a chèile, agus thubhairt iad, Is naomh, naomh, naomh Tighearna nan sluagh; tha an talamh uile làn de a ghlòir.

4 Agus ghluais ursainnean an dorais le guth an tì a ghlaodh, agus lìonadh an taigh le deataich.

5 Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

6 An sin thàinig aon de na seraphim ag itealaich am ionnsaigh, agus na làimh èibhleag bheò, a thug e leis a’ chlobha bhàrr na h‑altarach;

7 Agus bhean e rim bheul, agus thubhairt e, Feuch, bhean seo rid bhilean; agus tha d’aingidheachd air a toirt air falbh, agus do lochd air a ghlanadh.

8 Agus chuala mi guth an Tighearna ag ràdh, Cò leis a chuireas mi fios? Agus cò a thèid air ar son? Agus thubhairt mi, Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa.

9 Agus thubhairt e, Rach, agus abair ris an t‑sluagh seo, Cluinnibh da‑rìribh ach na tuigibh; agus seallaibh da‑rìribh, ach na tugaibh fa‑near.

10 Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.

11 An sin thubhairt mise, Cia fhad, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Gus an cuirear bailtean fàs, gun neach gan àiteachadh; agus taighean, gun duine a’ gabhail còmhnaidh annta; agus gum bi am fearann gu tur air a fhàsachadh;

12 Agus gum fògair an Tighearna daoine am fad as; agus gum bi fàsalachd mhòr ann am meadhon na tìre.

13 Ach fhathast bidh deicheamh innte; agus tillidh e, agus caithear e; mar an cuileann agus an darach, aig a bheil brìgh annta, ged thilg iad an duilleach; mar sin bidh sìol naomh na bhrìgh inntese.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan