Isaiah 53 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Cò a chreid ar teachdaireachd? Agus cò don robh gàirdean an Tighearna air fhoillseachadh? 2 Oir fàsaidh e suas mar fhaillean na làthair, agus mar fhreumh à talamh tioram; chan eil sgèimh no grinneas aige, gun amhairceamaid air; cha mhò a tha maise aige, gun iarramaid e. 3 Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth. 4 Gu deimhinn ar n‑anfhainneachd ghiùlain e, agus ar doilgheasan dh’iomchair e; ach shaoil sinne gu robh e air a bhualadh, air a smachdachadh le Dia, agus air a chlaoidh. 5 Ach lotadh e airson ar peacadh-ne, bhruthadh e airson ar n‑aingidheachdan; leagadh airsan smachdachadh ar sìth, agus le a chreuchdan-san shlànaicheadh sinne. 6 Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn. 7 Shàraicheadh e, agus rinneadh ainneart air, gidheadh cha d’fhosgail e a bheul; thugadh e mar uan a‑chum a’ chasgraidh, agus mar chaora a bhios balbh an làthair a luchd-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul. 8 O fhòirneart agus o bhreitheanas thugadh air falbh e; agus a ghinealach cò a chuireas an cèill? Oir ghearradh as e o thìr nam beò; airson easaontas mo shluaigh-sa bha e air a throm-bhualadh. 9 Agus dh’òrdaicheadh a uaigh maille ris na h‑aingidh, agus maille ri duine saoibhir na bhàs; airson nach do rinn e eucoir, agus nach robh cealg na bheul. 10 Ach b’i toil an Tighearna a bhruthadh; chuir e fo àmhghar e; nuair a nì thu a anam na ìobairt-rèitich, chì e sliochd, sìnear a làithean; agus soirbhichidh rùn an Tighearna na làimh. 11 De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m’òglach fìreanach mòran fhìreanachadh; oir giùlainidh e an euceartan. 12 Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar-ghuidhe airson nan ciontach. |