Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 48 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Cluinnibh seo, o thaigh Iàcoib, sibhse tha air ur n‑ainmeachadh air Israel; agus a thàinig a‑mach o uisgeachan Iùdah; a tha a’ mionnachadh air ainm an Tighearna, agus a’ dèanamh luaidh air Dia Israeil; ach chan ann am fìrinn no ann an ionracas.

2 Oir tha iad gan ainmeachadh fhèin air a’ chathair naoimh, agus a’ leigeil an taice ri Dia Israeil; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha.

3 Dh’fhoillsich mi na ciad nithean o thùs; agus om bheul chaidh iad a‑mach, agus chuir mi an cèill iad; gu h‑obann dh’obraich mi, agus thàinig iad gu crìch.

4 A chionn gu robh fhios agam gu robh thu reasgach, agus gu robh do mhuineal mar fhèith iarainn, agus d’aodann na umha;

5 Uime sin dh’fhoillsich mi dhut iad on tùs; mun tàinig iad gu crìch, dh’innis mi dhut iad; a‑chum nach abradh tu, Is e m’iodhal a thug mun cuairt iad; is iad mo dhealbh snaidhte, agus mo dhealbh leaghte, a dh’òrdaich iad.

6 Chuala tu seo, faic e air a choileanadh; agus nach cuir sibhse an cèill e? Innsidh mi dhut nithean nuadha on àm seo, a ghleidheadh diamhair, agus air nach robh fhios agad.

7 Tha iad air an tabhairt gu crìch a‑nis, agus cha b’ann o shean; agus ron là seo cha chuala tu iad; a‑chum nach abradh tu, Feuch, bha fhios agam orra.

8 Seadh, cha chuala tu; seadh, cha b’aithne dhut; seadh, on toiseach cha d’fhosgladh do chluas; oir bha fhios agam gum buineadh tu gu ro‑chealgach, agus gum b’e Fear-easaontais a b’ainm dhut on bhroinn.

9 Air sgàth m’ainme cuiridh mi dàil ann am chorraich, agus airson mo chliù cumaidh mi air a h‑ais i uatsa, air chor is nach geàrr mi as thu.

10 Feuch, ghlan mi thu, ach cha b’ann le airgead; thagh mi thu ann an àmhainn an àmhghair.

11 Air mo sgàth, air mo sgàth fhèin, nì mi e; oir cionnas a bhiodh m’ainm air a mhaslachadh? Agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile.

12 Eisd rium, O Iàcoib, agus Israeil, a ghairm mi, Is mi Esan, is mi an ciad neach; is mi fòs an neach deireannach.

13 Is i mo làmh a leag stèidh na talmhainn, agus rèis mo dheaslàimhe a thomhais na nèamhan; bheir mi gairm dhaibh, seasaidh iad suas le chèile.

14 Cruinnichibh sibh fhèin uile ri chèile, agus èisdibh; cò nam measg a dh’fhoillsich na nithean seo? Cuiridh esan as ionmhainn leis an Tighearna an gnìomh a thoil air Bàbilon, agus bidh a ghàirdean air na Caldèanaich.

15 Mise, mise fhèin labhair; seadh, ghairm mi e, threòraich mi e, agus soirbhichidh a shlighe.

16 Dlùthaichibh rium, agus cluinnibh seo; on toiseach cha do labhair mi ann an uaigneas; on àm anns an do thachair e, bha mise an sin; agus a‑nis chuir an Tighearna Iehòbhah, agus a Spiorad, a‑mach mise.

17 Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, Tì naomh Israeil; is mise an Tighearna do Dhia, a tha a’ teagasg dhut ciod a thig gud bhuannachd; a tha gad stiùradh anns an t‑slighe air an imich thu.

18 O gun tugadh tu fa‑near m’àitheantan-sa! An sin bhiodh do shìth mar abhainn, agus d’fhìreantachd mar thonnan na fairge:

19 Agus bhiodh do shìol mar a’ ghaineamh, agus sliochd do chuim mar a meanbh-chlachan; cha bhiodh d’ainm air a ghearradh as, no air a sgrios as mo làthair.

20 Rachaibh a‑mach o Bhàbilon; teichibh o thìr nan Caldèanach; le guth gàirdeachais innsibh, cuiribh seo an cèill; sgaoilibh an sgeul gu iomall na talmhainn; abraibh, Shaor an Tighearna a òglach fhèin, Iàcob.

21 Agus cha robh tart orra anns na fàsaichean tron tug thu orra siubhal; thug e air uisge sruthadh dhaibh as a’ charraig; seadh, sgoilt e a’ chreag, agus bhrùchd an t‑uisge a mach.

22 Chan eil sìth, deir an Tighearna, don aingidh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan