Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 22 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Trom-eallach gleann an taisbeanaidh, Ciod a thàinig ort a‑nis, gun deachaidh tu gu lèir suas gu mullach nan taighean?

2 Thusa a bha làn faraim, ad chathair fhuaimnich, ad chathair aoibhinn: do dhaoine a tha air am marbhadh, cha do mharbhadh leis a’ chlaidheamh iad; cha mhò is anns a’ chath a dh’eug iad.

3 Tha do chinn-fheadhna uile air siubhal le chèile, cheangladh iad leis na fir-bhogha; na h‑uile a fhuaireadh annad, cheangladh iad le chèile, theich iad fad air falbh.

4 Air an adhbhar sin thubhairt mi, Tionndaidh air falbh uam: guilidh mi gu goirt; na feuchaibh ri comhfhurtachd a thoirt dhomh, airson lèir-chreach nighean mo shluaigh.

5 Oir is là cruaidh iomairt e, agus saltairt sìos, agus buairidh, o Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann an gleann an taisbeanaidh; a’ briseadh sìos bhallachan, agus a’ glaodhaich ris na beanntan.

6 Agus tha Elam a’ giùlan a’ bhuilg-shaighead, le carbad de dhaoine agus le marc-shluagh; agus tha Cir a’ rùsgadh na sgèithe.

7 Agus tàrlaidh gum bi rogha do ghleann air an lìonadh le carbadan agus cuiridh na marcaich iad fhèin an òrdagh fa chomhair a’ gheata.

8 Agus thugadh air falbh còmhdach Iùdah, agus sheall thu an là sin ri airm taigh na frìthe.

9 Agus chunnaic sibh beàrnan baile Dhaibhidh, gu bheil iad lìonmhor; agus chruinnich sibh uisgeachan na linne ìochdaraich.

10 Agus ghabh sibh àireamh taighean Ierusaleim, agus bhris sibh sìos na taighean a neartachadh a’ bhalla.

11 Agus rinn sibh clais eadar an dà bhalla, airson uisge na seann linne; ach cha d’amhairc sibh airsan a rinn e; agus esan a dhealbh o shean e, cha tug sibh fa‑near.

12 Agus anns an là sin ghairm Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, gu gul, agus gu caoidh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le aodach-saic:

13 Ach feuch, aoibhneas agus aighear, marbhadh dhamh agus casgairt chaorach, ithe feòla agus òl fìona; itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.

14 Agus dh’fhoillsicheadh le Tighearna nan sluagh nam chluasan, Gu deimhinn cha ghlanar an aingidheachd seo air falbh uaibh, gus am faigh sibh bàs, deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh.

15 Mar seo deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, Imich, rach a dh’ionnsaigh an stiùbhaird seo, a dh’ionnsaigh Shebna, a tha os cionn an taighe, agus abair ris,

16 Ciod a tha agad an seo, agus cò a tha agad an seo, gun do chladhaich thu a‑mach uaigh an seo air do shon fhèin, mar neach a tha a’ cladhach a‑mach uaighe dha fhèin gu h‑àrd, a tha a’ gearradh àite-còmhnaidh dha fhèin ann an carraig?

17 Feuch tilgidh an Tighearna a‑mach thu, gad thilgeadh a‑mach gu làidir; agus nì e gu cinnteach do chòmhdach.

18 Gu cinnteach cuiridh e car dhìot mun cuairt, agus bheir e urchair air falbh dhut mar spitheig gu tìr fharsaing; ann an sin gheibh thu bàs, agus ann an sin bidh do charbadan sgiamhach nan nàire do thaigh do thighearna.

19 Agus iomainidh mi ad àite thu, agus od inbhe tilgidh mi sìos thu.

20 Agus tàrlaidh anns an là sin gun gairm mise m’òglach Eliacim mac Hilciah;

21 Agus sgeadaichidh mi e led fhallaing-sa, agus led chrios neartaichidh mi e; agus d’uachdaranachd bheir mi thairis na làimh; agus bidh e na athair do luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus do thaigh Iùdah.

22 Agus iuchair taigh Dhaibhidh cuiridh mi air a ghualainn; agus fosglaidh e, agus cha druid aon neach; agus druididh e, agus chan fhosgail aon neach.

23 Agus daingnichidh mi e mar tharraing ann an àite cinnteach; agus bidh e mar chathair ghlòrmhoir airson taigh a athar.

24 Agus crochaidh iad airsan uile ghlòir taigh a athar, an sliochd agus an gineal, gach soitheach beag, o gach uile ghnè chuach gus gach uile ghnè aghann.

25 Anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh, bidh an tarrang a bha air a suidheachadh ann an àite daingeann air a h‑atharrachadh; agus gearrar sìos i, agus tuitidh i; agus gearrar an eallach a bha oirre air falbh; oir labhair an Tighearna e.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan