Isaiah 21 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Trom-eallach fàsach na fairge. Mar dhoineannan anns an àird a deas, a’ dol seachad: on fhàsach tha e a’ teachd, o thìr uamhasaich. 2 Dh’fhoillsicheadh sealladh eagalach dhomh; tha an cealgair a’ caitheamh foill, agus tha am fear-creachaidh a’ creachadh. Rach suas, O Elaim; teannaich, O Mhedia; chuir mise crìoch air a h‑uile osnaich. 3 Uime sin lìonadh mo leasraidh le cràdh; ghlac piantan mi, mar phiantan mnà ri saothair-chloinne. Bha mi air mo chromadh sìos, nuair a chuala mi; dh’fhàs mi air chrith, nuair a chunnaic mi. 4 Chlisg mo chridhe; chuir uamhas fiamh orm; feasgar mo shòlais thionndaidh e gu uamhann dhomh. 5 Deasaich am bòrd; suidhich an fhaire; ith; òl; èiribh, a cheanna-feadhna, ungaibh an sgiath. 6 Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Imich, suidhich fear-faire; an nì a chì e, innseadh e. 7 Agus chunnaic e carbad le dà mharcach, carbad le asail, agus carbad le càmhail; agus thug e fa‑near gu dìcheallach le geur aire; 8 Agus ghlaodh e, Leòmhainn: mo thighearna, tha mi am sheasamh an còmhnaidh ann am ionad-faire, air feadh an là; agus tha mi a’ fantainn air mo fhreiceadan rè gach oidhche; 9 Agus, feuch, an seo tha carbad de dhaoine a’ teachd, le dà mharcach. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha Bàbilon air tuiteam, air tuiteam; agus tha uile dhealbhan snaidhte a diathan air am briseadh gu làr. 10 Och mo bhualadh, agus arbhar m’ùrlair! An nì a chuala mi o Thighearna nan sluagh, Dia Israeil, chuir mi an cèill dhuibhse. 11 Trom-eallach Dhumah. Dh’èigh e rium o Sheir, Fhir na faire, ciod on oidhche? Fhir na faire, ciod on oidhche? 12 Thubhairt am fear-faire, Tha a’ mhadainn a’ teachd, agus fòs an oidhche: ma dh’fhiosraicheas sibhse, fiosraichibh: tillibh, thigibh. 13 An fhàistneachd mu thimcheall Aràbia. Anns an fhrìth ann an Aràbia gabhaidh sibh tàmh, a chuideachdan-siubhail Dhedanim. 14 Thug luchd-àiteachaidh tìr Thema uisge a dh’ionnsaigh an tartmhoir; len aran thàinig iad an còmhdhail an fhògarraich. 15 Oir o na claidheamhan theich iad, on chlaidheamh rùisgte, agus on bhogha lùbte, agus o bhoile a’ chogaidh. 16 Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Fhathast bliadhna, mar bhliadhnachan fir-thuarasdail, agus bidh uile ghlòir Chedair air caitheamh as. 17 Agus lùghdaichear fuidheall àireamh nam fear-bogha, fir threuna de mhic Chedair; oir labhair an Tighearna Dia Israeil e. |