Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Isaiah 19 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Trom-eallach na h‑Eiphit. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon.

2 Agus cuiridh mise Eiphitich an aghaidh Eiphiteach; agus cogaidh iad gach fear an aghaidh a bhràthar, agus gach fear an aghaidh a choimhearsnaich; baile an aghaidh baile, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.

3 Agus fannaichidh spiorad na h‑Eiphit na meadhon; agus cuiridh mi ann an neo-bhrìgh a comhairle; agus iarraidh iad a‑chum nan iodhalan, agus a‑chum nan draoidhean, agus a‑chum na muinntir aig a bheil leannain-shìth, agus a‑chum an luchd-fiosachd.

4 Agus bheir mi thairis na h‑Eiphitich do làimh tighearnan an‑iochdmhor; agus riaghlaidh rìgh borb os an cionn, deir an Tighearna, Tighearna nan sluagh.

5 Agus fàilnichidh na h‑uisgeachan on fhairge, agus thèid an abhainn an deòthadh, agus tiormaichear suas i.

6 Agus tionndaidhidh iad na h‑aibhnichean fad a lethtaobh, agus bidh na sruthan-dìonaidh air an dèanamh falamh agus tioram; seargaidh a’ chuilc agus an luachair.

7 Na luibhean ùrar ri taobh nan sruth, aig beul nan sruth, agus gach nì a chuireadh an cois nan sruth, seargaidh, sguabar air falbh, agus cha bhi e ann nas mò.

8 Agus nì na h‑iasgairean bròn, agus nì iadsan uile, a tha a’ tilgeadh dubhain anns an abhainn, caoidh; agus fannaichidh iadsan a tha a’ sgaoileadh lìon air aghaidh nan uisgeachan.

9 Agus cuirear gu amhluadh iadsan a tha ag obrachadh an lìn ghrinn, agus iadsan a tha a’ fighe lìon-obrach.

10 Agus sgaoilear as a chèile innleachdan gach uile neach a nì claisean agus linneachan airson èisg.

11 Gu cinnteach is amadain ceannardan Shòain; thug comhairlichean glice Phàraoh comhairle mhì-chèillidh; cionnas a their sibh ri Phàraoh, Is mise mac nan daoine glice, mac nan rìghrean a bha ann o chian?

12 Càit a bheil iad? Cia iad do dhaoine glice? Innseadh iad dhut a‑nis, agus cuireadh iad an cèill, ciod i comhairle Tighearna nan sluagh a‑thaobh na h‑Eiphit.

13 Dh’fhàs ceannardan Shòain nan amadain, tha ceannardan Noph air am mealladh; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran, eadhon luchd-taice a treubhan.

14 Mheasg an Tighearna nam meadhon spiorad seachrain; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran na h‑uile obraichean, cosmhail ri misgear a’ tuisleachadh na sgeith.

15 Cha mhò a bhios obair air bith anns an Eiphit, aig a’ cheann no aig an earball, aig a’ ghèig no aig an luachair, ra dhèanamh.

16 Anns an là sin bidh an Eiphit cosmhail ri mnathan; agus bidh crith agus geilt oirre, ro chrathadh làmh Tighearna nan sluagh, a chrathas e os a cionn.

17 Agus bidh tìr Iùdah na cùis-eagail don Eiphit; gach neach a nì luaidh oirre, gabhaidh e eagal ann fhèin; airson comhairle Tighearna nan sluagh, a ghabh e na h‑aghaidh.

18 Anns an là sin, bidh còig bailtean ann an tìr na h‑Eiphit a’ labhairt cainnt Chanàain, agus a’ mionnachadh do Thighearna nan sluagh; goirear de aon dhiubh Baile an Sgrios.

19 Anns an là sin bidh altair don Tighearna ann am meadhon tìr na h‑Eiphit; agus carragh aig a crìch don Tighearna.

20 Agus bidh e mar chomharradh agus mar fhianais do Thighearna nan sluagh ann an tìr na h‑Eiphit; oir glaodhaidh iad ris an Tighearna airson an luchd-sàrachaidh, agus cuiridh e dan ionnsaigh fear-saoraidh, eadhon fear treun, agus fuasglaidh e iad.

21 Agus bidh an Tighearna aithnichte don Eiphit, agus aithnichidh na h‑Eiphitich an Tighearna anns an là sin; agus bheir iad ìobairt agus tabhartas uapa; agus geallaidh iad gealladh don Tighearna, agus coileanaidh iad e.

22 Agus buailidh an Tighearna an Eiphit, a’ bualadh agus a’ leigheas; agus tillidh iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus èisdidh esan rin guidhe, agus lèighsidh e iad.

23 Anns an là sin bidh rathad mòr on Eiphit gu Asiria; agus thig an t‑Asirianach don Eiphit, agus an t‑Eiphiteach gu Asiria; agus nì an t‑Eiphiteach adhradh maille ris an Asirianach.

24 Anns an là sin measar Israel an treas aon, maille ris an Eiphit agus ri Asiria, na bheannachadh ann am meadhon na tìre,

25 A bheannaicheas Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Beannaichte gu robh an Eiphit, mo shluagh-sa, agus Asiria, obair mo làmh, agus Israel, m’oighreachd.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan