Isaiah 16 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Cuiribhse uan a dh’ionnsaigh na tìre, o Shela an fhàsaich, gu sliabh nighean Shioin. 2 Oir mar eunlaith sheachranach, air am fògradh on nead, mar sin bidh nigheanan Mhòaib aig àthan Arnoin. 3 Tabhair comhairle, cuir an gnìomh breitheanas; dèan do sgàil mar an oidhche ann an àird a’ mheadhon-là; falaich na dìobaraich; na brath am fògarrach. 4 Gabhadh mo dhìobaraich tàmh maille riut, O Mhòaib; bi ad ionad-falaich dhaibh on mhilltear; oir thàinig crìoch air an fhear-shàrachaidh, sguir am fear-millidh; tha an luchd-saltairt air an caitheamh as an tìr. 5 Agus daingnichear an rìgh-chathair ann an tròcair, agus suidhidh e oirre ann am fìrinn, ann am pàillean Dhaibhidh, a’ tabhairt breith, agus a’ rannsachadh na còrach, agus a’ luathachadh ceartais. 6 Chuala sinn uabhar Mhòaib; tha e ro‑uaibhreach; a àrdan, agus a uaill, agus a fhearg; ach chan eil a spionnadh da rèir. 7 Air an adhbhar sin caoinidh Mòab; airson Mhòaib caoinidh gach aon; airson bunait Chir-hareseit nì sibh tuireadh: gu cinnteach tha iad air am bualadh. 8 Oir tha machraichean Hesboin air fàilneachadh, agus fìonain Shibmah; bhris maithean nan cinneach sìos a fìon-chroinn ghasda; ràinig iad gu Iaser; sgaoil iad air feadh an fhàsaich; shìn a geugan iad fhèin a‑mach, chaidh iad thar fairge. 9 Air an adhbhar sin guilidh mi le gul Iaseir airson fìonain Shibmah; uisgichidh mi thu lem dheòir, O Hesboin agus Elealeh; oir dh’fhalbh a’ cho-ghàir airson do mheas-samhraidh, agus airson d’fhogharaidh. 10 Agus tha aoibhneas agus gàirdeachas air an toirt air falbh on mhachair thorraich; agus anns na fìonliosan cha dèan iad ceòl, cha tog iad iolach; anns na h‑amaran cha bhrùth am fear-bruthaidh fìon; thug mise air an iolach sgur. 11 Uime sin nì mo chom fuaim mar chlàrsaich airson Mhòaib; agus mo thaobh a‑staigh airson Chir-hareis. 12 Agus tàrlaidh, nuair a chìthear gun do sgìthich Mòab e fhèin air an ionad àrd, gun tèid e a‑steach da ionad naomh a dhèanamh ùrnaigh; ach cha soirbhich leis. 13 Seo am facal a labhair an Tighearna mu thimcheall Mhòaib on àm sin. 14 Ach a‑nis labhair an Tighearna ag ràdh, An ceann trì bliadhna, mar bhliadhnachan fir-thuarasdail, nìthear glòir Mhòaib tàireil, le a mhòr-shluagh uile; agus bidh am fuidheall ro‑bheag agus anfhann. |