Isaiah 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Is truagh dhaibhsan a tha ag òrdachadh reachdan eucorach, na sgrìobhaichean a tha ag àithneadh fòirneirt; 2 A thionndadh an fheumaich o bhreitheanas, agus a thabhairt an còrach le ainneart o bhochdan mo shluaigh; air chor is gum bi bantraichean nan cobhartach dhaibh, agus gun creach iad na dìlleachdain. 3 Agus ciod a nì sibh ann an là an smachdachaidh, agus anns an lèirsgrios a thig o chèin? Cò a dh’ionnsaigh a theicheas sibh a‑chum cobhair? Agus càit am fàg sibh ur glòir? 4 As m’eughmhais-sa aomaidh iad sìos fo na prìosanaich, agus tuitidh iad fo na mairbh. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach. 5 Ho, Asirianaich, slat mo chorraich; agus am bata nan làimh is e sin m’fhearg. 6 An aghaidh cinnich chealgaich cuiridh mi e; agus an aghaidh sluaigh ris a bheil mo chorraich bheir mi dha àithne a thogail creiche, agus a thoirt leo cobhartaich; agus gan saltairt sìos mar chlàbar nan sràidean. 7 Gidheadh chan e sin a bhios na aire-san, agus chan e rùn a chridhe e; ach is e milleadh a tha na chridhe, agus cinnich nach gann a ghearradh as. 8 Oir their e, Nach eil mo cheannardan uile nan rìghrean? 9 Nach eil Calno mar Charchemis? Nach eil Hamat mar Arphad? Nach eil Samaria mar Dhamascas? 10 Mar a ghlac mo làmh rìoghachdan nan iodhalan, aig an robh dealbhan snaidhte na b’fheàrr na iad sin a tha ann an Ierusalem agus ann an Samaria; 11 Mar a rinn mi ri Samaria agus ra h‑iodhalan, nach dèan mi mar an ceudna ri Ierusalem, agus ra dealbhan-sa? 12 Ach tàrlaidh, nuair a choileanas an Tighearna a obair gu h‑iomlan air sliabh Shioin agus air Ierusalem, gun dèan mi dìoghaltas air toradh cridhe uaibhreach rìgh Asiria, agus air sealladh àrd a shùl. 13 Oir their e, Le neart mo làimhe rinn mi e, agus lem ghliocas; oir tha deagh thuigse agam; agus dh’atharraich mi crìochan nam fineachan, agus chreach mi an ionmhasan, agus leag mi sìos an sluagh mar dhuine treun: 14 Agus fhuair mo làmh, mar nead, maoin nan slògh; agus mar a chruinnicheas neach uibhean a thrèigeadh, mar sin chruinnich mise an talamh uile; agus cha robh aon a ghluais an sgiath, a dh’fhosgail an gob, no a rinn bìog. 15 An dèan an tuagh uaill an aghaidh an fhir a tha a’ gearradh leatha? An àrdaich an tuireasg e fhèin an aghaidh an fhir a tha ga iomairt? Mar gun sìneadh an t‑slat i fhèin an aghaidh an neach a tha ga togail; no mar gun togadh an lorg suas e fhèin mar nach b’fhiodh a bha ann. 16 Air an adhbhar sin cuiridh an Tighearna, Tighearna nan sluagh, caoile air a’ mhuinntir reamhair; agus fo a òirdheirceas fadaidh e losgadh, mar losgadh teine. 17 Agus bidh solas Israeil na theine, agus a Thì naomh na lasair; agus loisgidh agus caithidh e a dhroigheann agus a dhris ann an aon là: 18 Agus caithidh e glòir a fhrìthe, agus a achaidh thairbhich, eadar anam agus fheòil; agus bidh iad mar fhear-iomchair brataich a’ call a threòir. 19 Agus bidh fuidheall craobhan a choille tearc, ionnas gun sgrìobh leanabh an àireamh. 20 Agus tàrlaidh anns an là sin nach leig iarmad Israeil, agus iadsan a thèid as de thaigh Iàcoib, an taic nas mò air an fhear a bhuail iad; ach leigidh iad an taic air an Tighearna, Tì naomh Israeil, ann am fìrinn. 21 Tillidh fuidheall, eadhon fuidheall de Iàcob, a dh’ionnsaigh Dhè uile-chumhachdaich. 22 Oir ged bhiodh do shluagh, O Israeil, mar ghaineamh na fairge, cha till ach fuidheall dhiubh. An lèirsgrios a dh’òrdaicheadh, ruithidh e thairis le ceartas. 23 Oir sgrios, eadhon sgrios sònraichte nì Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, ann am meadhon na tìre uile. 24 Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, Na biodh eagal ort, O mo shluagh, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, ron Asirianach; le slait buailidh e thu, agus a bhata togaidh e suas ad aghaidh, a rèir gnàth na h‑Eiphit. 25 Ach fhathast ùine ro‑gheàrr, agus coileanar m’fhearg, agus mo chorraich nan lèirsgrios. 26 Agus togaidh Tighearna nan sluagh slat-sgiùrsaidh na aghaidh, cosmhail ri àr Mhidiain aig carraig Oreib: agus mar a bha a shlat air an fhairge, mar sin togaidh e suas i, a rèir gnàth na h‑Eiphit. 27 Agus tàrlaidh anns an là sin gun atharraichear a eallach bhàrr do ghuailne, agus a chuing bhàrr do mhuineil; agus caithear a’ chuing do bhrìgh na h‑ola-ungaidh. 28 Thàinig e gu Aiat, chaidh e thairis gu Migron; aig Michmas taisgidh e a àirneis. 29 Chaidh iad a‑null air an aiseag; ann an Gebah ghabh iad tàmh: tha Ramah air chrith; tha Gibeah Shauil a’ teicheadh. 30 Tog suas do ghuth, O nighean Ghallim; cluinnear e gu ruig Lais, O Anatot thruagh. 31 Theich Madmenah; tha luchd-àiteachaidh Ghebim air gabhail na ruaige. 32 Fanaidh e fhathast an là sin ann an Nob; crathaidh e a làmh an aghaidh cnoc nighean Shioin, an aghaidh sliabh Ierusaleim. 33 Feuch, sgathaidh Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, a’ gheug le luasgadh mòr; agus bidh iadsan as àirde fàs air an gearradh sìos, agus na h‑uaibhrich air an ìsleachadh. 34 Agus gearraidh e dosan na frìthe le iarann; agus tuitidh Lebanon le làimh chumhachdaich. |