Iosua 9 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus nuair a chuala na rìghrean uile a bha air an taobh seo de Iòrdan, anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard, agus ann an uile oirthir na fairge mòire thall fa chomhair Lebanoin, an t‑Hiteach, agus an t‑Amorach, an Canàanach, am Peridseach, an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach seo: 2 Chruinnich iad an ceann a chèile a chogadh ri Iosua, agus ri Israel, le aon rùn. 3 Agus nuair a chuala luchd-àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho agus ri Ai, 4 Rinn iadsan mar an ceudna gu seòlta, agus chaidh iad agus leig iad orra gum bu teachdairean iad, agus ghabh iad seann saic air an asail, agus fìon-shearragan a bha sean agus reubte, agus ceangailte suas; 5 Agus brògan a bha sean agus càraichte air an casan, agus seann aodach orra; agus bha aran an lòin uile tioram agus liath. 6 Agus chaidh iad a dh’ionnsaigh Iosua don champ gu Gilgal, agus thubhairt iad ris, agus ri fir Israeil, Thàinig sinne o dhùthaich fad as; a‑nis uime sin dèanaibh coicheangal rinn. 7 Agus thubhairt fir Israeil ris na Hibhich, Theagamh gu bheil sibh a chòmhnaidh nar measg, agus cionnas a dh’fhaodas sinne coicheangal a dhèanamh ribh? 8 Agus thubhairt iad ri Iosua, Is sinne do sheirbhisich. Agus thubhairt Iosua riu, Cò sibh? Agus cia as a thàinig sibh? 9 Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh-san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit, 10 Agus gach nì a rinn e ri dà rìgh nan Amorach, a bha an taobh thall de Iòrdan, ri Sihon rìgh Hesboin, agus ri Og rìgh Bhasain, a bha aig Astarot; 11 Uime sin labhair ar seanairean agus uile luchd-àiteachaidh ar dùthcha rinn, ag ràdh, Gabhaibh lòn nur làimh airson an turuis, agus rachaibh nan coinneamh, agus abraibh riu, Is sinne ur seirbhisich: agus a‑nis dèanaibh coicheangal rinn. 12 An t‑aran seo againn ghabh sinn teth airson ar lòin a‑mach as ar taighean, anns an là anns an tàinig sinn a‑mach gu dol dur n‑ionnsaigh-se; ach a‑nis, feuch, tha e tioram agus liath: 13 Agus na searragan fìona seo a lìon sinn, bha iad nuadh, agus, feuch, tha iad reubte: agus tha ar n‑aodach seo agus ar brògan air fàs sean, le ro‑fhad na slighe. 14 Agus ghabh na daoine dem biadh, agus cha d’iarr iad comhairle o bheul an Tighearna. 15 Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh. 16 Agus thachair an ceann trì làithean, an dèidh dhaibh coicheangal a dhèanamh riu, gun cuala iad gum b’iad an coimhearsnaich iad, agus gu robh iad a chòmhnaidh nam measg. 17 Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim. 18 Agus cha do bhuail clann Israeil iad a chionn gun do mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh air an Tighearna, Dia Israeil. Agus rinn an co‑chruinneachadh uile gearan an aghaidh nan uachdaran. 19 Ach thubhairt na h‑uachdarain uile ris a’ cho-chruinneachadh uile, Mhionnaich sinn dhaibh air an Tighearna, Dia Israeil; agus uime sin chan fhaod sinn beantainn riu. 20 Seo nì sinn riu; leigidh sinn eadhon leo a bhith beò, a‑chum nach bi fearg Dhè nar n‑aghaidh, airson nam mionnan a mhionnaich sinn dhaibh. 21 Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh. 22 Agus ghairm Iosua orra, agus labhair e riu, ag ràdh, Carson a mheall sibh sinn, ag ràdh, Tha sinn ro‑fhada uaibh, nuair a tha sibh a chòmhnaidh nar measg? 23 A‑nis uime sin tha sibh mallaichte, agus cha saorar neach air bith dhibh o bhith nur tràillean, agus nur luchd-gearraidh fiodha, agus nur luchd-tarraing uisge airson taigh mo Dhè. 24 Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo. 25 Agus a‑nis, feuch, tha sinn ad làimh: mar a mheasar math agus ceart leatsa a dhèanamh rinn, dèan. 26 Agus mar seo rinn e riu, agus shaor e iad à làimh chloinn Israeil; agus cha do mharbh iad iad. 27 Agus rinn Iosua iad anns an là sin fhèin nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh agus do altair an Tighearna, eadhon gus an là‑an‑diugh, anns an ionad a roghnaicheadh. |