Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a chuala uile rìghrean nan Amorach, a bha air an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, agus uile rìghrean nan Canàanach, a bha làimh ris an fhairge, gun do thiormaich an Tighearna suas uisgeachan Iòrdain ro chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, airson chloinn Israeil.

2 Anns an àm sin thubhairt an Tighearna ri Iosua, Dèan dhut fhèin sgeanan geura, agus timcheall-gheàrr clann Israeil a‑rìs an dara uair.

3 Agus rinn Iosua dha fhèin sgeanan geura, agus thimcheall-gheàrr e clann Israeil aig cnoc nan ro‑chraiceann.

4 Agus is e seo an t‑adhbhar mun do thimcheall-gheàrr Iosua: Fhuair an sluagh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a bha nam fireannaich, eadhon na fir-chogaidh uile, bàs anns an fhàsach air an t‑slighe, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit.

5 A‑nis bha an sluagh uile a thàinig a‑mach air an timcheall-ghearradh; ach an sluagh uile a rugadh anns an fhàsach air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach as an Eiphit, iadsan cha do thimcheall-gheàrr iad.

6 Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don luchd-cogaidh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a chionn nach tug iad gèill do ghuth an Tighearna: don do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhaibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhuinn, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

7 Agus an clann-san, a thog e suas nan àite, iadsan thimcheall-gheàrr Iosua: oir bha iad neo-thimcheall-gheàrrte, a chionn nach do thimcheall-ghearradh iad air an t‑slighe.

8 Agus nuair a bha an sluagh uile air an timcheall-ghearradh, dh’fhan iad nan àitean anns a’ champ, gus an robh iad slàn.

9 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Air an là‑an‑diugh bhuin mi air falbh uaibh masladh na h‑Eiphit: uime sin thugadh Gilgal mar ainm air an àite sin gus an là‑an‑diugh.

10 Agus champaich clann Israeil ann an Gilgal, agus chùm iad a’ chàisg, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ann an còmhnardan Iericho.

11 Agus dh’ith iad de sheann bhàrr an fhearainn air an là màireach an dèidh na càisge, breacagan neo-ghortaichte, agus sìol cruadhaichte air an là sin fhèin.

12 Agus sguir am mana air an là màireach an dèidh dhaibh ithe de sheann bhàrr an fhearainn; cha mhò a bha mana tuilleadh aig cloinn Israeil, ach dh’ith iad de thoradh fearann Chanàain air a’ bhliadhna sin.

13 Agus nuair a bha Iosua làimh ri Iericho, thog e suas a shùilean agus dh’amhairc e, agus, feuch, sheas duine thall fa chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh: agus chaidh Iosua da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, An ann leinne a tha thu, no le ar n‑eascairdean?

14 Agus thubhairt e, Chan ann: ach mar cheannard sluagh an Tighearna tha mi a‑nis air teachd. Agus thuit Iosua air a aghaidh air an talamh, agus rinn e adhradh, agus thubhairt e ris, Ciod a tha mo thighearna ag ràdh ra sheirbhiseach?

15 Agus thubhairt ceannard sluagh an Tighearna ri Iosua, Fuasgail do bhròg bhàrr do choise, oir tha an t‑ionad air a bheil thu ad sheasamh, naomh. Agus rinn Iosua mar sin.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan