Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 4 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thar Iòrdan, an sin labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,

2 Gabhaibh dhuibh fhèin dà‑fhear-dheug as an t‑sluagh, duine as gach treubh:

3 Agus àithnibh dhaibh, ag ràdh, Thugaibh leibh o seo à meadhon Iòrdain, as an àit anns an do sheas casan nan sagart gu daingeann, dà‑chloich-dheug; agus bheir sibh iad thairis leibh, agus cuiridh sibh iad anns an àite-tàimh anns an gabh sibh fois a‑nochd.

4 An sin ghairm Iosua air an dà‑fhear-dheug, a dheasaich e à cloinn Israeil, fear as gach treubh.

5 Agus thubhairt Iosua riu, Rachaibh thairis ro àirc an Tighearna ur Dia gu meadhon Iòrdain, agus togadh gach fear dhibh clach air a ghualainn, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil;

6 A‑chum gum bi seo na chomharradh nur measg, a‑chum nuair a dh’fhiosraicheas ur clann anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall dhuibh leis na clachan seo?

7 An sin gum freagair sibh iad, Gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile ro àirc coicheangal an Tighearna; nuair a chaidh i thar Iòrdan, gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile: agus bidh na clachan seo nan cuimhneachan do chloinn Israeil gu bràth.

8 Agus rinn clann Israel amhail mar a dh’àithn Iosua, agus thog iad suas dà‑chloich-dheug à meadhon Iòrdain, mar a labhair an Tighearna ri Iosua, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil, agus ghiùlain iad leo thairis iad don àit anns an do ghabh iad tàmh, agus chuir iad sìos an sin iad.

9 Agus chuir Iosua suas dà‑chloich-dheug am meadhon Iòrdain, anns an ionad anns an do sheas casan nan sagart a ghiùlain àirc a’ choicheangail: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh.

10 Oir sheas na sagartan a ghiùlain an àirc am meadhon Iòrdain, gus an do chrìochnaicheadh gach nì a dh’àithn an Tighearna do Iosua a labhairt ris an t‑sluagh, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Maois do Iosua: agus rinn an sluagh cabhag, agus chaidh iad thairis.

11 Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thairis, an sin chaidh àirc an Tighearna thairis, agus na sagartan, an làthair an t‑sluaigh.

12 Agus chaidh clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, thairis fo an airm ro chloinn Israeil, mar a labhair Maois riu:

13 Chaidh thairis mu thimcheall dà‑fhichead mìle, deas airson cogaidh, an làthair an Tighearna gu cath, do chòmhnardan Iericho.

14 Air an là sin dh’àrdaich an Tighearna Iosua ann an sealladh Israeil uile, agus bha eagal orra roimhe, mar a bha eagal orra ro Mhaois, uile làithean a bheatha.

15 Agus labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,

16 Aithn do na sagartan a tha a’ giùlan àirc na Fianais, iad a theachd a‑nìos à Iòrdan.

17 Agus dh’àithn Iosua do na sagartan, ag ràdh, Thigibh a‑nìos à Iòrdan.

18 Agus nuair a bha na sagartan a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna air teachd a‑nìos à meadhon Iòrdain, agus a bha buinn casan nan sagart air an togail suas air an talamh thioram, an sin thill uisgeachan Iòrdain dan àite fhèin, agus chaidh iad thar a bruachan uile, mar a rinn iad roimhe.

19 Agus thàinig an sluagh a‑nìos à Iòrdan air an deicheamh là den chiad mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, anns an iomall a làimh na h‑àird an ear de Iericho.

20 Agus an dà‑chloich-dheug sin, a thug iad a‑mach à Iòrdan, chuir Iosua suas ann an Gilgal.

21 Agus labhair e ri cloinn Israeil, ag ràdh, Nuair a dh’fhiosraicheas ur clann den athraichean anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall do na clachan seo?

22 An sin bheir sibh fios dur cloinn, ag ràdh, Thàinig Israel thar Iòrdan seo air talamh tioram.

23 Oir thiormaich an Tighearna ur Dia suas uisgeachan Iòrdain romhaibhse, gus an deachaidh sibh thairis, mar a rinn an Tighearna ur Dia air a’ mhuir ruaidh, a thiormaich e suas romhainn, gus an robh sinn air dol thairis;

24 A‑chum gun aithnich sluagh na talmhainn uile làmh an Tighearna, gu bheil i cumhachdach: a‑chum gum bi eagal an Tighearna ur Dia oirbh am feasd.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan