Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Iosua 3 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn; agus dh’imich iad o Shitim, agus thàinig iad gu Iòrdan, e fhèin agus clann Israeil uile, agus ghabh iad tàmh an sin mun deachaidh iad thairis.

2 Agus an ceann trì làithean, chaidh an luchd-riaghlaidh tron champ;

3 Agus dh’àithn iad don t‑sluagh, ag ràdh, Nuair a chì sibh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, agus na sagartan, na Lèbhithich, ga giùlan, an sin gluaisidh sibh o ur n‑àite, agus thèid sibh na dèidh.

4 Gidheadh bidh astar eadar sibh agus i, mu thimcheall dà mhìle làmh-choille de thomhas: na tigibh am fagas dhi, a‑chum gum bi fios na slighe agaibh air am feum sibh imeachd; oir cha do ghabh sibh riamh roimhe an rathad seo.

5 Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Naomhaichibh sibh fhèin; oir a‑màireach nì an Tighearna nithean iongantach nur measg.

6 Agus labhair Iosua ris na sagartan, ag ràdh, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus rachaibh thairis ron t‑sluagh. Agus thog iad suas àirc a’ choicheangail agus chaidh iad ron t‑sluagh.

7 Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, An‑diugh tòisichidh mi air thusa a dhèanamh mòr ann an sealladh Israeil uile, a‑chum gum bi fhios aca, mar a bha mi le Maois, gum bi mi leatsa.

8 Agus bheir thu àithne do na sagartan a tha a’ giùlan àirc a’ choicheangail, ag ràdh, Nuair a bhios sibh air teachd gu oir uisge Iòrdain, ann an Iòrdan seasaidh sibh.

9 Agus thubhairt Iosua ri cloinn Israeil, Thigibh an seo, agus èisdibh ri briathran an Tighearna ur Dia.

10 Agus thubhairt Iosua, Le seo bidh fhios agaibh gu bheil an Dia beò nur measg, agus gum fuadaich e gun teagamh a‑mach romhaibh na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Hibhich, agus na Peridsich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na h‑Iebusaich.

11 Feuch, tha àirc coicheangal Tighearna na talmhainn uile a’ dol thairis romhaibh do Iòrdan.

12 A‑nis uime sin gabhaibh dà‑fhear-dheug à treubhan Israeil, fear as gach treubh.

13 Agus cho luath is a shocraicheas na sagartan a tha a’ giùlan àirc an Tighearna, Tighearna na talmhainn uile, buinn an cas ann an uisgeachan Iòrdain, bidh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o na h‑uisgeachan a thig a‑nuas on àirde; agus seasaidh iad nan tòrr.

14 Agus nuair a dh’fhalbh an sluagh o am bùthan, gu dol thar Iòrdan, agus na sagartan a’ giùlan àirc a’ choicheangail ron t‑sluagh;

15 Agus nuair a bha iadsan a ghiùlain an àirc air teachd gu Iòrdan, agus a bha casan nan sagart a ghiùlain an àirc air an tumadh ann an oir an uisge (oir tha Iòrdan a’ sruthadh thar a bruachan uile rè an fhogharaidh uile),

16 An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.

17 Agus sheas na sagartan, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, gu daingeann air talamh tioram am meadhon Iòrdain, agus chaidh na h‑Israeilich uile thairis air talamh tioram gus an robh an sluagh uile air dol thar Iòrdan.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan