Iosua 20 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh, 2 Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Sònraichibh dhuibh fhèin bailtean dìdein, mun do labhair mi ribh le làimh Mhaois; 3 A‑chum gun teich am marbhaiche, a mharbhas neach ann an aineolas agus gun fhios dha, an sin: agus bidh iad nan dìdein dhuibh o dhìoghaltair na fala. 4 Agus nuair a sheasas esan a theicheas a dh’ionnsaigh aon de na bailtean sin, aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus a chuireas e a chùis an cèill ann an cluasan seanairean a’ bhaile sin, gabhaidh iad a‑steach e don bhaile dan ionnsaigh, agus bheir iad àite dha a‑chum gun gabh e còmhnaidh nam measg. 5 Agus nuair a thèid dìoghaltair na fala an tòir air, an sin cha toir iad suas am marbhaiche da làimh; a chionn gun do bhuail e a choimhearsnach gun fhios dha, agus gun fhuath aige dha anns an aimsir roimhe sin. 6 Agus gabhaidh e còmhnaidh anns a’ bhaile sin, gus an seas e an làthair a’ cho-chruinneachaidh a‑chum breitheanais, agus gu bàs an àrd-shagairt a bhios ann anns na làithean sin: an sin tillidh am marbhaiche, agus thig e da bhaile fhèin, agus da thaigh fhèin, don bhaile on do theich e. 7 Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah. 8 Agus air taobh eile Iòrdain, làimh ri Iericho air an làimh an ear, shònraich iad Beser anns an fhàsach air a’ chòmhnard à treubh Reubein, agus Ramot ann an Gilead à treubh Ghad, agus Golan ann am Basan à treubh Mhanaseh. 9 B’iad sin na bailtean a shònraicheadh airson chloinn Israeil uile, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt nam measg, a‑chum ge bè a mharbhadh neach ann an aineolas, gun teicheadh e an sin, agus nach bàsaicheadh e le làimh dìoghaltair na fala, gus an seasadh e an làthair a’ cho-chruinneachaidh. |